@ Taibhse...
Tha sinn ann aig an làraich seo a-nis. Tha mi an dòchas gum faic sinn a dh'aithghearr thu. :-)
Nuair nach eil mi nam chadal, bidh mi a' sgrìobhadh an seo bho àm gu àm...
Tha sinn ann aig an làraich seo a-nis. Tha mi an dòchas gum faic sinn a dh'aithghearr thu. :-)
Feasgar math a h-uile duine. 'S dòcha gu bheil fios agaibh mar thà gun do dh'fhàg mi an làrach SG (SaveGaelic.org) an diugh. Leugh mi sa' mhadainn an diugh gun robh e ri reic 's cha toigh leam an rathad a tha e a' gabhail na làithean seo nas motha. Thug mi taic 's cuideachadh do luchd-ionnsachaidh eile fhad 's a bha mi nam bhall oir tha mi den bheachd gu bheil e cho cudthromach a bhith ag àrdachadh na Gàidhlig. Ach a-nis tha mi cinnteach nach eil an t-amadan ud airson an aon rud. Tha esan ann airson airgid a-mhàin 's mar sin dh'fhàg mi.
Uill, mura bheil Spàinnis agaibh mar thà, carson nach téid sibh gu SG gun dàil? Nuair a bha mi ann o chionn mionaid no dhà, chunnaic mi sanasachd ùr airson ionnsachadh na Spàinnis! Tha mi cinnteach gu bheil a' mhuinntir aig an sgoil "don Quijote" math, ach tha rudeigin ann nach urrainn dhomhsa tuigsinn -- dé mu dheidhinn na Gàidhlig? Carson a tha sanasachd ann airson don Quijote, ach chan eil dad sam bith ann airson an t-Sabhail Mhóir no àiteachan eile far a bheil iad a' teasgasg na Gàidhlig? SG -- beò airson àrdachadh na Spàinnis...?
Chunnaic mi blog ùr an dràsda 's tha Còmhradh air mar ainm. Saoilidh mi gum bi e inntinneach dhuibh uile. Fàilte gu Tìr nam Blòg! :-)
Seo sgeulachd bheag dhuibh. Nuair a chuir sinn TnamB air bhog san Dùbhlachd an uiridh, chuir Graisg 's mi fios gu móran dhaoine mu a deidhinn. Chuir sinn post-d gu Comunn na Gàidhlig, Sabhal Mór, sgioba Gaelcast 's msaa. Thuirt a' mhórchuid gur e deagh smaoin a bh'ann 's bhiodh iad deònach beagan taic a thoirt dhuinn leis an t-sanasachd (Móran taing!). Bha mise glé shona 's bha e coltach gun robh daoine eile sona cuideachd.
Fhuair mi post-d an diugh bho charaid, Ed, a tha a' fuireach ann an Oxford na làithean seo. 'S ann às a' Chuimrigh a tha e, ach mu shia bliadhnaichean air ais bha sinn a' fuireach le chéile ann am Manchester.