Spùinneadairean-mara air fàire!


Tha mi 'n dòchas nach do chuir mi an t-eagal oirbh leis an dealbh seo! Ach...

Bha mi a' sealltainn air an làrach-lìn aig ebay an t-seachdain seo chaidh agus chunnaic mi duine a bha a' reic brataichean. Bha brataichean de gach seòrsa aige, ach b'fheàrr leam an té seo. Mar sin, cheannaich mi i agus ràinig i an taigh agam latha no dhà air ais. Tha a' bhratach math fhéin! Ach gu mì-fhortanach chan eil fhios agam idir dé a nì mi leatha, ach tha mi den bheachd gum bi i feumail san àm ri teachd...

Bi faiceallach ma bhios sibh a' seòladh air canàl faisg air Manchester a dh'aithghearr -- ma dh'fhaoidte gum bi mi ann an àite-falaich faisg air làimh leis a' bhrataich ùir agam! Leumaidh mi a-mach agus goididh mi am bàta 's na buinn-a-h-ochd agaibh!

A-nis, càit' a bheil mo ghrog? Io ho ho!

Gaelcast 2

Fhuair mi teachdaireachd bho Liam aig Gaelcast an dé! 'S e rud feumail a th'ann am blogsearch bho Ghoogle, nach e? Mar sin, sgrìobhaidh mi beagan mur deidhinn a-rithist.

Dh'éisd mi ris na prògraman a rinn iad 's bha e glé inntinneach. Anns a' chiad prògram bha iad a' bruidhinn ri daoine aig a' chiad Mhòd sna Stàitean Aonaichte agus ri Coinneach MacIomhair (bho Radio nan Gaidheal). Bha Coinneach a' bruidhinn beagan ro luath 's cha do thuig mi móran. Éisdidh mi a-rithist ge-tà agus 's dòcha gum bi e nas fhasa a bhith ga thuigsinn. Ach, mar a tha fios agaibh, chan e ach neach-ionnsachaidh an th'annam. Mar sin, mas e neach-ionnsachaidh a th'annad cuideachd, tha mi den bheachd gum bi na "podcastan" feumail dhut. Bu chòir dhuinn éisdeachd ri Gàidhlig nàdarra cho tric 's a ghabhas agus tha mi cinnteach gum bi na prògraman seo gar cuideachadh. Mholainn na prògraman gu dearbh -- gu h-àraidh am pìos mu dheidhinn am "piper-sniper"... :-)

Na h-Òganaich

Tha Manchester a' fàs nas trainge a-rithist an dràsda. Tha na h-òganaich (no "juveniles" mar a chanas sinn) a' tighinn air ais dhan oilthigh 's tha iad a' coimhead nas òige na bha iad a-riamh. Mar as àbhaist san t-Sultain, tha mi a' faireachdainn aosda...

Bha mi ann am meadhan a' bhaile Dimàirt, a' coiseachd sìos Sràid a' Mhargaidh 's bha e fada ro thrang. Gu dearbh, bithidh Sràid a' Mhargaidh ro thrang gach latha, ach aig an uair sin bha e uamhasach dona. Bha a h-uile duine a' dol a-null 's a-nall gun smaoin 'son duine sam bith eile.

Aig an oilthigh fhéin, chan eil e cho sàmhach a-nis. Tha na h-òganaich a' coiseachd gu trom tro na trannsaichean ach théid iad dhachaigh mu shia uairean, an déidh sin tha e nas fheàrr a-rithist. (Cha bhi mi ann sna maidnean na làithean seo.)

Chan eil mi cinnteach fhathast ma bhios mi a' teagasg beagan mu dheidhinn automata 's innealan Turing, ach 's dòcha gum bi mi ga dhèanamh a-rithist am bliadhna. Chan eil e ro dhona ('s chan eil e doirbh) ach théid am fiosrachadh a-steach tro aon chluas agus a-mach tron chluais eile -- dìreach mar a rinn e aig an àm ud nuair a bha mi nam fho-cheumnaiche! Ah uill, "lath' eile 's dolar eile" mar a chanas iad...

Sgìth a-rithist

Bha mi cho sgìth ri cù an dé. No, 's dòcha, ri seann chù-chaorach a bha a' ruith suas 's sìos nam beann fad an latha. Uill, beagan mar sin. Chaidh mi dhan leabaidh mu ochd uairean feasgar! Ochd uairean air Dihaoine! Chan eil sin gnàthach idir. Dhùisg mi mu mheadhan oidhche 's chaidh mi sìos an staidhre. Bha e cho sàmhach. Leugh mi beagan air SG ach an uair sin bha mo shùilean a' dùnadh a-rithist 's chaidh mi air ais dhan leabaidh...

An diugh tha mi a' faireachdainn fada nas fheàrr. Tha Siorrachd Iorc a' cluich an aghaidh Siorrachd Darbaidh agus bu chòir dhaibh buannachadh. Chan eil an Saoghal cho dona an diugh -- cha robh mi san taigh-seinnse o chionn Diluain (an déidh na criogaid!) ach saoilidh mi gum bi mi ann a-nochd.

Gaelcast

Am faca sibh Gaelcast? Chan eil móran ann fhathast, ach bidh iad a' dèanamh podcasts (mar a chanas iad) sa' Ghàidhlig. Chan eil ach a' chiad phodcast ann an dràsda, ach tha iad ag ràdh gum bi móran a' tighinn a dh'aithghearr. Ma bha sibh air SG aig àm sam bith, 's dòcha gu bheil sibh eòlach air aon fhear san sgioba Gaelcast...

Abair criogaid!


Tha an Luaithre againn a-rithist!

Dàn mu dheidhinn tàirneanaich

An t-seachdain seo chaidh, nuair a bha an tàirneanach 's an dealanach ann, chuimhnich mi air dàn bhon leabhar Caoran ann an Cliabh le Mairead Hulse. Cheannaich mi an leabhar o chionn móran bhliadhnaichean o bhùth san Ath Leathann san Eilean Sgitheanach. 'S e Craft Encounters a bha an t-ainm a bha air a' bhùth 's bha i a' reic leabhraichean, dealbhan, crèadhadaireachd, ceòl, snaighidhean beaga 's ceàirdean eile. Bha oifis a' phuist ann aig an àm sin cuideachd. Saoilidh mi gu bheil am bùth ann fhathast, ach chan eil fhios agam cionnas a tha i a' dèanamh an dràsda. Ach 's e bùth mhath a bh'innte nuair a bha mi ann.

Co-dhiù, seo an dàn:
Cluinn an tàrnaich,
Cluinn an tàrnaich,
Éisd, éisd, éisd!
Éisd, éisd, éisd!
Seo an t-uisge tighinn,
Seo an t-uisge tighinn,
Bithidh sinn fliuch!
Bithidh sinn fliuch!

Bidh an dàn a' còrdadh ribh nas motha ma sheinneas sibh air an fhonn Frère Jacques e! Math fhéin -- abair duanag!

Chan eil móran

Chan eil m'eanchainn ag obair an diugh. Tha mi nam shuidhe san oifis agam, ach chan eil mi a' dèanamh dad, uill, dad feumail co-dhiù. Tha an cadal orm a dh'aindeoin 's gu bheil mi air pailteas cofaidh òl. Bha mi a' feuchainn ris an tòimhseachan-tarsainn san Sùil Phrìobhaideach a dhèanamh ach tha mi ro ghòrach an dràsda. Fhuair mi mu dheich freagairtean ach an uair sin sguir mi. 'S dòcha gum bi mi a' feuchainn ris nas anmoiche.

Mar as àbhaist, bidh mi a' dol dhan taigh-seinnse a-nochd a chionn 's gum bi an ceasnachadh ann. Chan eil mi cinnteach ma bhios e math -- bidh J (an DJ a bha a' cur ceistean thugam mu dheidhinn tòimhseachain-tarsainn) a' dèanamh nan ceistean agus bidh N (amadan a' bhaile) a' dèanamh nan dealbhan. Thuirt J gum bi 50 ceistean ann 's na h-uile mu dheidhinn ciùil... Ah uill, c'est la vie.

Fhuair mi an CD ùr le Khanate bho Amazon an diugh 's mi dìreach air éisdeachd ris. Mar as àbhaist tha e chooo slaodach 's tha Alan Dubin (an "seinneadair") a' sgreuchail mar mhuncaidh leis a chlachan ann an teanchair! Cha bhi Khanate a' cluich ceòl àghmhor sona. :-)

Abair latha!

Uill, 's e an t-Sultain an th'innte a-nis, ach tha i caran ro theth dhomh fhathast. Ach abair latha a bh'ann an dé -- bha an teochachd 28°C nuair a bha mi a' coiseachd dhan bhaile feasgar. Bha agam ri dhol dhan oifis a' phuist airson parsail oir cha robh mi aig an taigh agam nuair a thàinig am post Dimàirt.

Bha mi air ais aig an taigh mu thrì uairean 's bha a' ghrain a' deàrrsadh, ach mu cheithir uairean fhàs e glé dhorcha. Chuir mi an solas air 's an uair sin thàinig an t-uisge. Bha e bog fliuch 's abhainn a' ruith sìos an rathad. Beagan an déidh sin, bha tàirneanach 's dealanach ann cuideachd! 'S toigh leam aimsir mar sin gu mór -- nuair a tha na diathan a' sabaid ri chéile!

Co-dhiù, mionaid no dhà an déidh sin, chaidh an dealain 's mi nam shuidhe sa chathair agam leam fhìn san dorchadas fhad 's a bha cogadh sna speuran os mo chionn! Las mi coinneal 's chaidh mi dhan leabaidh far an do leugh mi beagan bhon leabhar "Eagal san dorchadas" a cheannaich mi bho Chomhairle nan Leabhraichean 's a bha sa pharsail...

Abair latha!