B dhen Bhrag
Fhuair mi camara ùr an diugh 's thog mi an dealbh seo nuair a bha mi a' tighinn dhachaigh uair no dhà air ais. Bha an t-uisge ann aig an àm 's mar sin chan eil an dealbh uabhasach math, ach tha fhios agam a-nis gu bheil an camara ag obrachadh...

San dealbh is urrainn dhuibh am B of the Bang fhaicinn. 'S e deilbheadh mór a th'ann a tha na sheasamh aig an lann-cluiche far am bi Manchester City a' cluich ball-coise. An toigh leibh e? Nam bheachdsa tha e gu math inntinneach agus is toigh leam e.
Beachdan...
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh