Dh'fhàg mi SG...

Feasgar math a h-uile duine. 'S dòcha gu bheil fios agaibh mar thà gun do dh'fhàg mi an làrach SG (SaveGaelic.org) an diugh. Leugh mi sa' mhadainn an diugh gun robh e ri reic 's cha toigh leam an rathad a tha e a' gabhail na làithean seo nas motha. Thug mi taic 's cuideachadh do luchd-ionnsachaidh eile fhad 's a bha mi nam bhall oir tha mi den bheachd gu bheil e cho cudthromach a bhith ag àrdachadh na Gàidhlig. Ach a-nis tha mi cinnteach nach eil an t-amadan ud airson an aon rud. Tha esan ann airson airgid a-mhàin 's mar sin dh'fhàg mi.

Mar sin, am feasgar seo, bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn làraich ùire. Bòrd-brath ùr. Chan eil mi cinnteach ma tha mi ag iarraidh rudeigin mar SG a-rithist. Bha cus ann sa' Bheurla agus cha bhiodh móran dhaoine a' tighinn gu SG ach turas no dhà 's an déidh sin rachadh iad air falbh... Ach am faca sibh maes-e.com? 'S e bòrd-brath a th'ann ach tha a h-uile rud sa' Chuimris. Dé mu dheidhinn a leithid, ach sa' Ghàidhlig? Aon-chànanach -- Tìr na Cabadaich? Nì mi e, ma tha ùidh agaibh -- dé ur beachdan? Am biodh e feumail? Chan eil dad sam bith ann mar sin an dràsda.

Tha blogachadh math gu dearbh, ach saoilidh mi gu bheil bùird-brath 's blogaichean gu math diofaraichte, bho àm gu àm bhiodh e feumail nam b'urrainn dhuinn cuideachadh fhaiginn bho chàch a chéile ann an Tìr nam Blòg...

Mar a thuirt mi, dé ur beachdan?

Beachdan...

Aig 25/1/06 21:35, thuirt Blogger mona...

tha mi a' smaoineachadh gum bitheadh bòrd-bràth/fòrum 'sa ghàidhlig a mhàin dìreach sgoinneil! fiù 's ma bhitheas bòrd ùr airson luchd-ionnsachaidh ann a dh' aithghearr... bu toigh leam fòrum gàidhlig glè inntinneach. is dòcha le cùspairean eadar-dhealaichte, mar: poileataics, spòrs, siubhal, litreachadh, fealla-dhà, creideamh, cur-seachadan, ... airson còmhradh beothail a bhrosnachadh. bhitheadh sin inntinneach do sgoilearan is oileanaich ann am foghlam tro mheadhan na gàidhlig cuideachd, nach bitheadh?
mona

 
Aig 25/1/06 21:36, thuirt Blogger mona...

gah... tha droch ghàidhlig agam a-nochd!
"bu toigh leam fòrum gàidhlig glè inntinneach" - dè 'n seòrsa seantans a tha sin? ach co-dhiù, tha fios agad dè tha mi a' ciallachadh :)

 
Aig 25/1/06 22:19, thuirt Blogger tearlach61...

Tha mi leat, a 'ille. Bòrd-brath aona-chànanach sa Ghàidhlig a-mhàin.

Chuck

 
Aig 26/1/06 00:40, thuirt Blogger Cadalach...

OK ma tha, 's dòcha gun dèan mi rudeigin an ath-sheachdain. Ach na canaibh dad mu dheidhinn sa' Bheurla fhathast -- tha mi ag iarraidh a h-uile rud sa' Ghàidhlig bho thùs. Móran taing :-)

 
Aig 26/1/06 00:56, thuirt Blogger Bethany...

Tha mi glè thoilichte sin a chluinntinn, a Chadalaich! Sgrìobh mi an teachdaireachd seo mus do dh'fhàg mi:

Thàinig mi gu SG airson barrachd air cabadaich ann am Beurla agus lèine-t. Thàinig mi -- mu cheithir mìosan air ais -- gus ionnsachadh na Gàidhlig! Cha robh facal sam bìth agam an uair sin.

Gu fortanach, choinnich mi ri caraidean ùra agus luchd-taic dìleas na Gàidhlig... ach dh'fhàg iad! (Agus le deagh adhbhar.)

'S e cànan àlainn a th'innte. Bidh mise a' sgrìobhadh is ag ionnsachadh ann an tìr nam blog san àm ri teachd.

le deagh dhùrachd,
Beathag


Cus mearachdan, tha fìos agam -- ach tha mi ag ionnsachadh, SG ann no às!

 
Aig 26/1/06 09:16, thuirt Blogger Graisg...

Sin thu fhèin Bheathag, cha bhi thusa a riamh fada bho thaic agus brosnachadh ann an tìr nam blòg. Aon rud a tha tighinn a-mach bhon tobhta SG ‘s e sin gu bheil na luchd-ionnsachaidh air loidhne daingneachd taic a chur air cach a chèile.
:-)

 
Aig 26/1/06 14:59, thuirt Blogger Bethany...

Tapadh leibh, Des, Don, a h-uile duine. Anns a' chiad dol a-mach, bha dragh orm -- ach tha mi a' smaoineachadh a-nis gum bi a-huile rud nas fheàrr do luchd-ionnsachaidh dhùrachdach!

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh