Ceòl ùr le Einstürzende Neubauten

Fhuair mi móran ciùil ùir le Einstürzende Neubauten o chionn ghoirid. 'S e còmhlan-ciùil às a' Ghearmailt a th'ann an EN agus 's toigh leam an ceòl gu mór. Thàinig an CD ùr 's DVD, Grundstück Disathairne agus luchdaich-a-nuas mi na mp3s ùra bho Mhusterhaus -- am pròiseact eile aca -- Diluain. Chan urrainn dhuibh an ceòl seo a cheannach sna bùthan, gu dearbh, chan urrainn dhuibh a cheannach idir a-nis. Mìnichidh mi...

Ann an 2004 thòisich EN pròiseact ùr -- Ìre 2 -- air an eadar-lìn. (Bha Ìre 1 ann, saoilidh mi, bho 2003 gu 2004 ach cha robh fios agam mu a deidhinn gus an robh i air crìochnachadh.) Co-dhiù, obraich am pròiseact mar seo... Chuir luchd-taic airgead (€30 airson an CD no €40 airson an DVD) dìreach chun a' chomhlain agus, aig crìoch a' phròiseict, fhuair iad an ceòl ùr. Cha robh companaidh-clàrachaidh an lùib idir -- bha am pròiseact eadar na luchd-taic agus EN a-mhàin. Fhad 's bha Ìre 2 ann, rinn EN webcasts agus stuth eile mar sin. B'urrainn dhuinn am faicinn nuair a bha iad ag obair san stiùideo agus uaireannan bha rudan eile ri fhaighinn bhuapa. Mar eisimpleir, fhuair sinn mp3s (dà uair a thìde) bho chuirm-chiùil a thachair ann am Prague ann am meadhon a' phròiseict ann an 2004. Abair pròiseact a bh'ann agus, mu dheireadh thall, tha an CD 's DVD agam a-nis. :-)

Choimhead mi an DVD feasgar Sathairne 's bha e glé ùidheil. 'S e cuirm-chiùil a bh'ann air an DVD a thachair ann am Palast der Republik ann am Berlin. Mura bheil fios agaibh cheana (am faca tu sin a Ghraisg -- nach math a rinn mi!) 's e an togalach Riaghaltas den Ghearmailt-an-Ear a bh'ann am Palast der Republik -- uill, nuair a bha a' Ghearmailt-an-Ear agus a' Ghearmailt-an-Iar dealaichte co-dhiù.

'S e ceòl neo-àbhaisteach a bhios EN a' cluich. Bidh iad a' dèanamh móran le pìosan meatailte, gaotharan, pìoban, springean 's "fuaimean lorgte" eile (còmhla ri giotàran 's ionnstramaidean nas àbhaisteach eile). Ma tha ùidh agaibh, tha taghadh ciùil ri fhaighinn air an làraich aca.

A-nis, mu dheidhinn Musterhaus. Dìreach mar a bha e airson Grundstück, bha aig daoine ri chur airgead gu EN tron eadar-lìn agus bha dà roghainn ann -- CDs no mp3s. Thaghadh mi na mp3s a-mhàin oir cha robh mi cinnteach gum biodh am pròiseact math. Le Musterhaus bhiodh EN a' dèanamh "ceòl" glé neònach. Mar eisimpleir, airson an dàrna chlàir Unglaublicher Lärm chuir EN móran ghlaodhairean ann an seòmar beag beag 's chluich iad leis na fuaimean...

Anns na mp3s a fhuair mi Diluain, chluich EN a h-uile "port" air an aon ionnstramaid -- am Bassfeder! ("Bass spring" sa' Bheurla, ach chan eil fios agam idir dé an t-ainm a bhiodh air sa' Ghàidhlig!) Uill, nuair a chuala mi nach do chleachd EN dad ach am BassFeder, bha an t-eagal orm nach biodh ach sgudal sna mp3s. Ach abair iongnach a bh'orm nuair a bha mi ag éisdeachd ris na mp3s! Bha na puirt gu math binn!

Co-dhiù, nam bheachsa, tha an ceòl a bhios EN a' dèanamh glé inntinneach agus, 's dòcha, gum biodh e a' còrdadh ribh cuideachd. Carson nach éisd ri beagan den cheòl aca air an làraich ud?

Beachdan...

Aig 15/12/05 09:00, thuirt Blogger Graisg...

Chunnaic mi e. :-) Sin thu fhèin!

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh