A' blogachadh gu slaodach

Feasgar math a leughadairean!

Chunnaic mi an diugh nach do chuir mi ach dà theachdaireachd air a' bhlog seo am mìos. Bha fios agam nach robh mi air a bhith a' blogachadh cho tric am mìos ach bha mi den bheachd gun d'rinn mi na b'fheàrr na dà theachdaireachd a-mhàin. Chan eil sin math idir agus chan eil fios agam carson nach do sgrìobh mi tuilleadh gu ruige seo. Bha mi beagan na bu trainge am mìos, ach cha robh mi cho trang nach robh cothrom agam a bhith a' sgrìobhadh rudeigin an seo.

'S àbhaist dhomh an stuth seo a sgrìobhadh ann an leabhar agus, an déidh sin, clò-sgrìobhaidh mi an seo e. Bha mi a' coimhead san leabhar latha no dhà air ais agus tha trì no ceithir "aistidhean" ann. Gu mì-fhortanach chan eil iad deiseil fhathast. Tha mi an dòchas gum bi mi a' dèanamh nas fheàrr an ath-mhìos. :-)

Beachdan...

Aig 6/11/05 16:26, thuirt Blogger mona...

uaireannan tha mi leisg leis a' bhlog agam, uaireannan sgrìobhaidh mi rud gu bhith gach latha... na gabh dragh :)
tha mi toilichte gu bheil stuth ùr ri leughadh air blog gàidhlig no eile gach seachdain... tha tòrr ann.
mona

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh