Gaelcast

Am faca sibh Gaelcast? Chan eil móran ann fhathast, ach bidh iad a' dèanamh podcasts (mar a chanas iad) sa' Ghàidhlig. Chan eil ach a' chiad phodcast ann an dràsda, ach tha iad ag ràdh gum bi móran a' tighinn a dh'aithghearr. Ma bha sibh air SG aig àm sam bith, 's dòcha gu bheil sibh eòlach air aon fhear san sgioba Gaelcast...

Beachdan...

Aig 15/9/05 22:05, thuirt Blogger Helena Gowan...

chan eil mi cinnteach dè 'podcast'... ;)

 
Aig 19/9/05 16:34, thuirt Blogger Cadalach...

Eh? Chan eil mi gad thuigsinn.

Gu pearsanta, cha toigh leam am facal "podcast" sa' Bheurla, ach tha e ann a-nis -- gu mì-fhortanach tha a' mhórchuid ga chleachdadh. Mar fhacal Gàidhlig? Chan eil fhios agam, ach tha mi den bheachd gum bi sinn ga chleachdadh cuideachd. :-(

Co-dhiù, chì sinn dé bidh iad a' dèanamh dheth aig Gaelcast.

 
Aig 24/9/05 17:52, thuirt Blogger Cadalach...

Tapadh leat 'son do bheachd. Chuir mi facal no dhà air an làrach agad cuideachd (mu dheidhinn na fuaime sna mp3s). Tha e coltach gum bi mi a' sgrìobhadh mur deidhinn a-rithist san àm ri teachd :-)

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh