Làithean 's mìosan

Uill, tha an sgriobt an seo mu dheireadh thall! Ma tha thu ga iarraidh, faigh e bhon cheangal faisg air a' bhonn --->

Tha an sgriobt saor an asgaidh ach, ma tha thu ga chleachdadh air a' bhlog agad agus ma tha ùine agad, bu mhath leam cluinntinn bhuat -- an uair sin 's urrainn dhomh an sgriobt ag obair ann an àiteachan eile fhaicinn agus am blog agad a leughadh! ("Postcardware", mar a chanas iad!)

Ma tha mi fortanach, cha bhi mi a' sgrìobhadh tuilleadh sam bith mu dheidhinn javascript a-rithist a dh'aithghearr!

Beachdan...

Aig 29/8/05 11:19, thuirt Blogger mona...

a chadalaich chòir,
chan eil mi a' tuigsinn an rud leis an sgriobt (airson an template).
an urrainn dhut mo chuideachadh?
mona

 
Aig 29/8/05 13:27, thuirt Blogger Cadalach...

Halò, a Mhona,

'S urrainn gu dearbh; uill, tha mi 'n dòchas gu bheil! Cuir post-d thugam leis an duilgheadas agus chì sinn dé tha cearr. OK? :-)

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh