Bleurgh
Dh'òl mi cus leann a-raoir, mar sin chan eil mi gu math an diugh. Tha mi airson a bhith nam chadal, ach feumaidh mi a dhol do chuirm-chiùil a-nochd. Dh'ith mi droch churry (choiridh?) aig meadhan-latha cuideachd agus chan eil sin gam chuideachadh a bharrachd. Ah uill.
Tha mi a' gabhail cofaidh eile a-nis -- chì sinn ma tha mi a' faireachdainn nas fheàrr an dèidh sin...
Beachdan...
Awww, Cadalach bochd. Tha mi an dòchas gu bheil thu nas fheàrr :)
mona
Tl a Mhona, ach (mar a thuirt iad) "mea culpa" :-)
A bheil do cheann fhathast goirt an diugh a bhalaich? :-)
'S math a rinn thu leis an Java aig Rhys!
Chan eil! -- tha mi glé mhath an diugh, tl. Ach tha i ro theth a-rithist.
Math gad fhaicinn air ais -- tha mi'n dòchas gun robh do choiseachd a' còrdadh riut gu mór.
'S toigh leam an javascript -- bha na h-atharrachaidhean cho furasda, chan eil fhios agam carson a sgrìobh mi gu Blogger idir...
A bheil thu ag iarraidh an "script"? (Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ag obair gu ceart a-nis!)
Feuchaidh mi e gu dearbh a bhalaich. Ma chuireas mi a steach e am bu chòir an ‘Date Header Format’ a bhith ‘Tuesday, July 12’ air na ‘settings’ no rudeigin eile? ‘S càit am bu chòir dha a’ dol a steach?
Air an t-slighe Phennine bha mi a’ coimhead sìos air Manchester, thog mi dealbh, cuiridh mi air SG e aig an deireadh seachdain. Chaidh mi sìos bho Phicadilly gu meadhan a’ bhaile (bha 45mionaidean agam mus do dh’ fhàg trèana gu Edale) ‘s bha coltais snog ‘s trang air a nis. . Chunnaic mi mòran toglaichean ùra, rinn na ‘planners’ math an turas seo.
Tha mi caran trang an diugh tha agam a’ dol gu Steòrnabhaigh a-màireach airson Runrig fhaicinn. Abair dòigh bheatha ‘stressful’:-)
Chuir mi post-d thugad.
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh