tag:blogger.com,1999:blog-124478172024-03-08T02:50:57.996+00:00Facal no dhà bho ChadalachNuair nach eil mi nam chadal, bidh mi a' sgrìobhadh an seo bho àm gu àm...Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.comBlogger75125tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-75197352160773424322007-04-03T21:12:00.000+01:002007-04-03T21:57:23.460+01:00Post-d bho Aran / A bheil cù agad?Fhuair mi post-d bho Aran an diugh agus tha e ag iarraidh beagan cuideachaidh bhuainn. (Às aonais cha bhiodh TnamB beò an diugh.) Dh'innis a bhean dha gum bi iad a' faighinn cù eile a dh'aithghearr agus mar sin bidh iad ag iarraidh ainm air a shon. Bu mhath leotha ainm Gàidhlig ach chan eil iad airson ainm mar Donnchadh no Eilidh no rudeigin mar sin a chur air -- b' fheàrr leotha rudeigin a tha nas traidiseanta airson con. Thug mi moladh no dhà dhaibh ach dè ur beachdan, a chàirdean?

Sgrìobhaibh ur beachdan an seo agus cuiridh mi gu Aran iad. Mòran taing :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com10tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-5954129897914740422007-03-01T17:35:00.000+00:002007-03-01T17:40:59.337+00:00Cuairt nam BlogBidh am prògram a rinn BBC Alba air na blogaichean Gàidhlig air an TBh a-nochd: 18:30 air BBC2.Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com5tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1153862194920548852006-07-25T22:16:00.000+01:002006-07-26T01:32:15.406+01:00Botal-teth no botal-fuar?
Bha mi a' bruidhinn ri banacaraid, Iona, air an fhòn a-raoir agus bha mi a' gearain air sgàth 's gu bheil an aimsir fada ro theth dhomhsa an dràsda. Dh'aontaich i leam agus an uairsin dh'innis i sgeulachd dhomh. O chionn greis bha Iona anns an ospadal agus fhad 's a bha i a' feitheamh ris an dotair chuala i cailleach a' bruidhinn ri nurs. Seo an còmhradh a bha ann eadar an dithis aca, mar a dh'innis Iona e dhomh.

"Och, tha i fada ro theth air an oidhche an dràsda, chan urrainn dhomh cadail gu furasda," ars a' chailleach. "'S bochd sin," fhreagair an nurs, "a bheil botail-fhuar' agaibh?"

"Botal-fuar?"

"Seadh, botal-fuar!"

"Tha fhios a'm dè th'ann am botal-teth, ach dè th'ann am botal-fuar?" dh'fhaighnich a' chailleach.

"Uill," ars an nurs, "faighibh dà no trì botail phlastaig -- bhiodh botail-bhainne, dà liotair, math -- agus anns a' mhadainn, lìonaibh iad le uisge, mu 1.5 liotair, agus cuiribh iad san reòdhadair. Nis, nuair a thèid sibh dhan leabaidh, cuiribh aon air gach taobh dhiubh agus am fear eile faisg air ur casan. Bidh sibh nur cadal mar leanabh a-rithist!"

Abair deagh smaoin!Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com5tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1150826768385149632006-06-20T18:44:00.000+01:002006-06-20T19:12:43.850+01:00B dhen BhragFhuair mi camara ùr an diugh 's thog mi an dealbh seo nuair a bha mi a' tighinn dhachaigh uair no dhà air ais. Bha an t-uisge ann aig an àm 's mar sin chan eil an dealbh uabhasach math, ach tha fhios agam a-nis gu bheil an camara ag obrachadh...

San dealbh is urrainn dhuibh am B of the Bang fhaicinn. 'S e deilbheadh mór a th'ann a tha na sheasamh aig an lann-cluiche far am bi Manchester City a' cluich ball-coise. An toigh leibh e? Nam bheachdsa tha e gu math inntinneach agus is toigh leam e.Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com0tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1146856587261258782006-05-05T19:53:00.000+01:002006-08-21T19:33:01.600+01:00Ball-coiseAn toigh leibh ball-coise? Chan eil mi cho déidheil air -- 's fheàrr leam criogaid -- ach tha Cupa na Cruinne air fàire 's bidh a h-uile duine a' bruidhinn air a dh'aithghearr.

Co-dhiù, fhuair mi post-d bho charaid an diugh. Thuirt e "Tha fhios a'm nach toigh leat ball-coise, ach 's toigh leat StickCricket, mar sin, 's dòcha gum bidh seo a' còrdadh riut cuideachd". Uill, chluich mi geama no dà fhichead agus chan eil e dona idir :-) Ach dhomhsa, tha e gu math doirbh -- chan eil mi air barrachd air fichead puing 's a h-ochd a chur ri chéile fhathast. Feuchaidh mi a-rithist nas anmoiche...Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com1tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1146009738077631502006-04-26T00:42:00.000+01:002006-04-26T01:07:13.006+01:00Co-là-breith sona!Tha am blog seo aon bhliadhna a dh'aois an diugh :-)

Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil mi air a bhith a' blogachadh sa' Ghàidhlig fad bliadhna ach 's e deagh spòrs a bh'ann. Tha mi cinnteach gum bi spòrs gu leòr ann san àm ri teachd cuideachd 's tha mi an dòchas gum bi mi fhathast a' sgrìobhadh an seo sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Tuilleadh a' tighinn a dh'aithghearr... :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com5tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1142877801628707142006-03-20T17:36:00.000+00:002006-03-25T01:33:34.026+00:00An t-seann dùthaichFhuair mi post-d bhon amadan ud aig ScrewGaelic.org latha no dhà air ais, 's thuirt e rudeigin mar "Tapadh leibh airson na taic' a tha thu fhathast a' toirt dhuinn. Ma tha thu airson ceangal a chur air an làraich agad, seo an HTML..." An d'fhuair duine sam bith eile am post-d seo? Smaoinich mi gun robh e gu math éibhinn.

An déidh dhomh am post-d fhaighinn, bha mi airson faighinn a-mach ma bha dad sam bith air tachairt san t-seann dùthaich 's mar sin chaidh mi air ais. Uill, tha am fòrum dùinte fhathast 's tha sanasachd gu leòr ann airson poker agus casinos, ach, mar a bha mi a' smaoineachadh, cha bhi dad sam bith inntinneach a' tachairt an siud (quelle surprise!). Ach, fhad 's a bha mi ann, chunnaic mi nach robh na ceanglaichean chun nam blogaichean againn ann a-nis! Smaoinich mi gun robh sin gu math éibhinn cuideachd -- Thoir taic dhuinn ach thalla is cac dhut fhéin!

Saoilidh mi nach eil na $6000 aige fhathast nas motha -- 's fìor bhochd sin. Hehehehe ;-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com5tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1142532905732386692006-03-16T18:13:00.000+00:002006-03-16T23:52:46.033+00:00Lorg mi Tìr eileFastyr mie!

Fhad 's a bha mi air an eadar-lìon Diluain, lorg mi dà bhlog eile nach eil mi air faicinn roimhe. Chan e blogaichean Gàidhlig ach blogaichean Gàidhlig Mhanainneach a th'annta! Tha a' chiad bhlog ri fhaighinn aig BlogVrian agus 's e Brian Stowell an t-ùghdar. 'S dòcha gu bheil sibh eòlach air mar-thà a chionn 's gu bheil e glé chudthromach ann an eachdraidh na Gàidhlig Manainnich. Tha am blog eile ri fhaicinn aig Blog ny Gaelgey ach chan eil mi eòlach air an ùghdar.

Tha na dà bhlog gu math inntinneach, ach chan urrainn dhomh ach facal no dhà a thuigsinn an siud 's an seo orra air sgàth 's gu bheil litreachadh na Gàidhlig Manainnich gu math neònach dhomhsa. (Gu cinnteach chan eil e cho math ri litreachadh na Gàidhlig... uill, nam bheachdsa co-dhiù.) Ach feumaidh mi ràdh gu bheil e cho math a bhith a' faicinn blogaichean sa' Ghàidhlig Mhanainneach san 21mh linn. :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com4tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1141346643245149512006-03-03T00:24:00.000+00:002006-03-04T16:53:51.466+00:00Blog ùr bho Inbhir NarannFhuair mi post-d aig Tìr nam Blòg HQ a-nochd bho bhlogair eile ann an Inbhir Narann. Abair àite! Co-dhiù, carson nach téid sibh gu http://fuaim-lorg.blogspot.com/ agus cuir fàilte oirre? :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com5tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1140995868576243212006-02-26T22:28:00.000+00:002006-02-28T15:55:54.110+00:00Boireannach craicteUair no dhà air ais fhuair mi teacsa (text message, mar a chanas iad) bho bhoireannach craicte. Thuirt i, Hai, tha mi duilich nach do chuir mi freagairt thugad gu ruige seo, ach tha am fòn agam briste 's mar sin tha mi aig an àireamh seo an dràsda! Ciamar a tha sibh uile? Bha mi a' bruidhinn ri Gary an dràsda 's thuirt e gum bu chòir dhuinn tighinn air chéilidh oirbh! Dé mu dheidhinn oidhche h-Aoine? Tìoraidh, Lynsey.

Nis, chan aithne dhomh i, ach smaoinich mi gum bu chòir dhomh a bhith cuideachail, 's mar sin chuir mi freagairt thuice. Thuirt mi, Saoilidh mi gun do chuir thu an àireamh cheàrr san fhòn agad, chan eil mi eòlach air Lynsey sam bith. Tha mi duilich.

Mu leth-uair an déidh sin, fhuair mi teachdaireachd eile bhuaipe... Thuirt i, Thà thusa eòlach orm! Ciamar a tha Lenord (sic) beag?

Uill, chan eil càil a dh'fhios agam dé bu chòir dhomh dèanamh a-nis! 'S dòcha nach dèan mi dad sam bith eile, ach tha eagal orm gum bi am boireannach craicte seo agus "Gary" a' feitheamh rium aig an taigh agam Dihaoine...Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com3tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1140984909792506172006-02-26T19:55:00.000+00:002006-03-06T00:10:41.556+00:00Clàr ùrFeasgar math a h-uile duine. Chunnaic mi an diugh nach do sgrìobh mi dad sam bith air a' bhlog am mìos, ach uill, sin mar a tha e bho àm gu àm.

Co-dhiù, bha mi a' cluich le Google an diugh agus lorg mi làrach air an robh beagan mu dheidhinn Last.fm 's Audioscrobbler. Bha fios agam air o chionn fhada, ach cha d'rinn mi càil leis gu ruige seo. 'S e uidheam airson clàrachadh a' chiùil ris a tha thu ag éisdeachd a th'innte agus, nam bheachdsa, bidh seo gu math inntinneach dhomhsa. (Tha 6000+ mp3s ann air an laptop agam.) Chan eil mi cinnteach ma bhios na toraidhean inntinneach do dhuine sam bith eile, ach chì sinn. 'S dòcha gum bi ùidh aig feadhainn dhiubh agus, ma bhios thu ag éisdeachd ri ceòl air a' choimpiutair agad gu tric, 's dòcha gum bi thu airson beagan audioscrobladh a dhèanamh cuideachd? :-)

(Bidh an clàr ri fhaicinn anns an sidebar a dh'aithghearr.)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com0tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1138441808972006622006-01-28T09:47:00.000+00:002006-01-28T09:50:09.136+00:00@ Taibhse...Tha sinn ann aig an làraich seo a-nis. Tha mi an dòchas gum faic sinn a dh'aithghearr thu. :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com4tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1138222529831750712006-01-25T20:05:00.000+00:002006-01-26T02:21:21.056+00:00Dh'fhàg mi SG...Feasgar math a h-uile duine. 'S dòcha gu bheil fios agaibh mar thà gun do dh'fhàg mi an làrach SG (SaveGaelic.org) an diugh. Leugh mi sa' mhadainn an diugh gun robh e ri reic 's cha toigh leam an rathad a tha e a' gabhail na làithean seo nas motha. Thug mi taic 's cuideachadh do luchd-ionnsachaidh eile fhad 's a bha mi nam bhall oir tha mi den bheachd gu bheil e cho cudthromach a bhith ag àrdachadh na Gàidhlig. Ach a-nis tha mi cinnteach nach eil an t-amadan ud airson an aon rud. Tha esan ann airson airgid a-mhàin 's mar sin dh'fhàg mi.

Mar sin, am feasgar seo, bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn làraich ùire. Bòrd-brath ùr. Chan eil mi cinnteach ma tha mi ag iarraidh rudeigin mar SG a-rithist. Bha cus ann sa' Bheurla agus cha bhiodh móran dhaoine a' tighinn gu SG ach turas no dhà 's an déidh sin rachadh iad air falbh... Ach am faca sibh maes-e.com? 'S e bòrd-brath a th'ann ach tha a h-uile rud sa' Chuimris. Dé mu dheidhinn a leithid, ach sa' Ghàidhlig? Aon-chànanach -- Tìr na Cabadaich? Nì mi e, ma tha ùidh agaibh -- dé ur beachdan? Am biodh e feumail? Chan eil dad sam bith ann mar sin an dràsda.

Tha blogachadh math gu dearbh, ach saoilidh mi gu bheil bùird-brath 's blogaichean gu math diofaraichte, bho àm gu àm bhiodh e feumail nam b'urrainn dhuinn cuideachadh fhaiginn bho chàch a chéile ann an Tìr nam Blòg...

Mar a thuirt mi, dé ur beachdan?Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com7tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1138088820479839222006-01-24T07:43:00.000+00:002006-01-24T15:15:46.543+00:00A bheil Spàinnis agaibh?Uill, mura bheil Spàinnis agaibh mar thà, carson nach téid sibh gu SG gun dàil? Nuair a bha mi ann o chionn mionaid no dhà, chunnaic mi sanasachd ùr airson ionnsachadh na Spàinnis! Tha mi cinnteach gu bheil a' mhuinntir aig an sgoil "don Quijote" math, ach tha rudeigin ann nach urrainn dhomhsa tuigsinn -- dé mu dheidhinn na Gàidhlig? Carson a tha sanasachd ann airson don Quijote, ach chan eil dad sam bith ann airson an t-Sabhail Mhóir no àiteachan eile far a bheil iad a' teasgasg na Gàidhlig? SG -- beò airson àrdachadh na Spàinnis...?Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com0tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1137777969815982552006-01-20T20:12:00.000+00:002006-01-20T20:10:36.286+00:00Blog ùr!Chunnaic mi blog ùr an dràsda 's tha Còmhradh air mar ainm. Saoilidh mi gum bi e inntinneach dhuibh uile. Fàilte gu Tìr nam Blòg! :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com3tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1136664023693802582006-01-07T19:55:00.000+00:002006-01-10T10:20:58.860+00:00Sanasachd airson TnamBSeo sgeulachd bheag dhuibh. Nuair a chuir sinn TnamB air bhog san Dùbhlachd an uiridh, chuir Graisg 's mi fios gu móran dhaoine mu a deidhinn. Chuir sinn post-d gu Comunn na Gàidhlig, Sabhal Mór, sgioba Gaelcast 's msaa. Thuirt a' mhórchuid gur e deagh smaoin a bh'ann 's bhiodh iad deònach beagan taic a thoirt dhuinn leis an t-sanasachd (Móran taing!). Bha mise glé shona 's bha e coltach gun robh daoine eile sona cuideachd.

Bha a h-uile rud a' dol gu math ach an uair sin fhuair mi freagairt bhon mhaighstir-lìn aig SG. Bha mi air sgrìobhadh thuige le earrann bheag sa' Ghàidhlig 's bha mi an dòchas gun cuireadh e air an làraich SG i -- anns an roinn de naidheachd air an duilleig dhachaigh. Bha mi an dòchas gun cuireadh e ceangal gu TnamB ann cuideachd. Gu dearbh tha SG ann airson "àrdachadh na Gàidhlig", nach eil? Fhuair mi an fhreagairt seo (sa' Bheurla)... "Tha sinn a' cruinneachadh blogaichean cuideachd, ach tha sinn airson daoine a bhith nam buill nam fora mus cuir sinn na blogaichean aca air an liosta".

Liosta?

Uill, tha mi an dòchas gum bi sibhse ag aontachadh leam, ach nam bheachdsa chan e ach liost' a rinn Aran 's mise! Nuair a leugh mi an fhreagairt bhuaithe bha an fhearg orm, ach cha tuirt mi dad gu ruige seo. Cha robh mi ag iarraidh sabaid no argumaid ('s chan eil mi gan iarraidh a-nis) ach cha do thuig mi a fhreagairt idir. "Àrdachadh na Gàidhlig"? Gu cinnteach tha daoine ann air na fora aig SG a bhios ag àrdachadh na Gàidhlig gach latha ach a-nis chan urrainn dhomh ràdh le cinnt gu bheil esan nar measg. Chì sinn dé tha dol san àm ri teachd, ach cha bhith mise a' ceannach léintean-T no sgudal eile bhuaithe.

Anns an dol seachad, tha TnamB a' faighinn mu 100 "hits" gach lath an dràsda. :-) Dé mu dheidhinn bathair airson TnamB? A bheil ùidh aig duine sam bith?Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com8tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1136404908244375912006-01-04T19:57:00.000+00:002006-01-05T15:47:35.600+00:00Faclan gliocais...Fhuair mi post-d an diugh bho charaid, Ed, a tha a' fuireach ann an Oxford na làithean seo. 'S ann às a' Chuimrigh a tha e, ach mu shia bliadhnaichean air ais bha sinn a' fuireach le chéile ann am Manchester.

Co-dhiù, thuirt e dhomh gun robh e aig pàirtidh Oidhche Challainn (ris an deoch gu ceithir uairean sa' mhadainn) agus nuair a bha e ann, bha iad a' cluich Pictionary. Chluich mi fhìn Pictionary bliadhna no dhà air ais ach cha robh mi math air idir. Bha agam ri "Texas" a dhèanamh, 's mar sin, peann nam làimh, dhealbhaich mi an iomall 's chuir mi rionnag ann cuideachd. ('S e an "One Star State" a th'ann, nach e?) Uill, bu chòir dhomh ràdh gun robh mi air pinnt no ceithir a ghabhail ach cha robh an dealbh uabhasach dona. Dé thuirt na daoine san sgiob' agam? Cha tuirt iad dad sam bith. Uill, thuirt iad "eh?" no "gun fheum!" no "dé tha thu a' dèanamh?" no rudan eile mar sin ach 's e cùis chaillte a bh'innte...

A-nis, nuair a bha Ed a' cluich Pictionary, tha e coltach nach robh esan math air na bu mhotha. Ach thuirt e na faclan glice seo dhomh an diugh -- nuair a bhios thu a' cluich Pictionary san àm ri teachd, bi faiceallach leis na cairtean a bhios tu a' taghadh. Eadhon ma bhios na dealbhan a bhios tu a' dealbhachadh uabhasach fhéin math, ma thaghas tu a' chairt cheàrr cha bhi an sgiob' agad feumail dhut idir -- cha chan iad dad. Dé na cairtean a bha esan air taghadh? "Yam" agus "Lazy susan". Feumaidh mi ràdh gu bheil mi ag aontachadh leis.Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com0tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1136073696024296342006-01-01T00:01:00.001+00:002006-01-01T00:01:36.053+00:00Bliadhna mhath ùr!Tha mi an dòchas gum bi spòrs gu leòr agaibh uile ann an 2006 :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com2tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1135474814305701512005-12-25T01:31:00.000+00:002005-12-25T01:43:48.556+00:00Nollaig chridheil!Chan eil móran agam ri ràdh, ach tha mi an dòchas gum bi latha foiseil sona agaibh uile an diugh. :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com2tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1135101656013068792005-12-20T20:53:00.000+00:002005-12-20T20:57:35.526+00:00Eachdraidh TìrnamBlògSeo beagan eachdraidh an làraiche TìrnamBlòg...

Anns an t-Samhain 2005, chuir duine às a' Chuimrigh -- Rhys Wynne (Gwenu dan Fysiau) -- teachdaireachd air a' bhlog seo. Thuirt e gum bu chòir dhomh làrach ùr a thòiseachadh. Làrach a bhiodh mar chridhe saoghal nam blogaichean. Smaoinich mi gun robh e ceart -- tha saoghal nam blogaichean gu math eadar-nàiseanta agus bha mi air chluinntinn gun robh e doirbh do dhaoine a bhith a' tadhal air gach blog.

Thuirt Rhys cuideachd gum bu chòir dhomh sgrìobhadh gu Aran Jones (Blogiadur) air sgàth 's gun robh e air làraich airson nam blogaichean Cuimris a thogail. Sgrìobh mi gu Aran 's thuirt e "Seadh, deagh smaoin gu dearbh. Rinn mi Blogiadur, am faca tu e? Am faod mi cuideachadh leis an làraich ùir?" (Uill, thuirt e rudeigin mar sin, chan e Gàidhlig ach Cuimris a th'aige.) Bhruidhinn sinn ri chéile mu dheidhinn a' phròiseict seo agus, an déidh seachdaine no dhà, thog Aran tùs-samhail air ar son. Chuir mi Gàidhlig air agus dh'atharraich mi mion-chùnntas an siud 's an seo, ach rinn Aran a' mhòrchuid den obair. Abair duine! Bu mhath leamsa mo thaing a thoirt do Aran, às a aonais cha bhiodh an làrach ud beò an diugh agus tha sinn uile fada na chomain.

Tha mi an dòchas gum bi TìrnamBlòg a' còrdadh riut, agus gum bi sinn a' toirt brosnachadh do dhaoine eile a bhith a' blogachadh sa' Ghàidhlig a dh'aithghearr. Ma tha Gàidhlig agad agus rudeigin ri ràdh, carson nach tòisich blog Gàidhlig agus aonaich leinn?

Ma bhios sinn fortanach, bidh Tìr nam Blòg a' fàs gu luath ann an 2006 agus bidh an làrach ud ann mar àite-coinneimh cuideachd.

Chaidh TìrnamBlòg a bhunaich air an 17mh latha den Dùbhlachd 2005 agus tha mi an dòchas gum bi e ann airson móran bliadhnaichean ri tighinn.Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com1tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1134784293175696212005-12-17T01:48:00.000+00:002005-12-20T18:30:42.913+00:00Fàilte gu TìrnamBlòg!Uill, chunnaic mi rudeigin ùr an diugh air an eadar-lìon a tha, nam bheachdsa, air leth sgoinneil. 'S e àite-coinneimh de saoghal nam blogaichean a th'ann -- seòrsa de phaipear-naidheachd no iris a bhios a' cur na h-uile blog ann an aon àite! Carson nach téid sibh gu TìrnamBlòg nuair a bhios mionaid no dhà agaibh? Tha mi cinnteach gum bi e inntinneach dhuibh a-nis agus san àm ri teachd nuair a tha e air fàs nas motha. Aonaichibh leinn! :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com2tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1134588840300196362005-12-14T19:30:00.000+00:002005-12-15T11:19:10.490+00:00Ceòl ùr le Einstürzende Neubauten
Fhuair mi móran ciùil ùir le Einstürzende Neubauten o chionn ghoirid. 'S e còmhlan-ciùil às a' Ghearmailt a th'ann an EN agus 's toigh leam an ceòl gu mór. Thàinig an CD ùr 's DVD, Grundstück Disathairne agus luchdaich-a-nuas mi na mp3s ùra bho Mhusterhaus -- am pròiseact eile aca -- Diluain. Chan urrainn dhuibh an ceòl seo a cheannach sna bùthan, gu dearbh, chan urrainn dhuibh a cheannach idir a-nis. Mìnichidh mi...

Ann an 2004 thòisich EN pròiseact ùr -- Ìre 2 -- air an eadar-lìn. (Bha Ìre 1 ann, saoilidh mi, bho 2003 gu 2004 ach cha robh fios agam mu a deidhinn gus an robh i air crìochnachadh.) Co-dhiù, obraich am pròiseact mar seo... Chuir luchd-taic airgead (€30 airson an CD no €40 airson an DVD) dìreach chun a' chomhlain agus, aig crìoch a' phròiseict, fhuair iad an ceòl ùr. Cha robh companaidh-clàrachaidh an lùib idir -- bha am pròiseact eadar na luchd-taic agus EN a-mhàin. Fhad 's bha Ìre 2 ann, rinn EN webcasts agus stuth eile mar sin. B'urrainn dhuinn am faicinn nuair a bha iad ag obair san stiùideo agus uaireannan bha rudan eile ri fhaighinn bhuapa. Mar eisimpleir, fhuair sinn mp3s (dà uair a thìde) bho chuirm-chiùil a thachair ann am Prague ann am meadhon a' phròiseict ann an 2004. Abair pròiseact a bh'ann agus, mu dheireadh thall, tha an CD 's DVD agam a-nis. :-)

Choimhead mi an DVD feasgar Sathairne 's bha e glé ùidheil. 'S e cuirm-chiùil a bh'ann air an DVD a thachair ann am Palast der Republik ann am Berlin. Mura bheil fios agaibh cheana (am faca tu sin a Ghraisg -- nach math a rinn mi!) 's e an togalach Riaghaltas den Ghearmailt-an-Ear a bh'ann am Palast der Republik -- uill, nuair a bha a' Ghearmailt-an-Ear agus a' Ghearmailt-an-Iar dealaichte co-dhiù.

'S e ceòl neo-àbhaisteach a bhios EN a' cluich. Bidh iad a' dèanamh móran le pìosan meatailte, gaotharan, pìoban, springean 's "fuaimean lorgte" eile (còmhla ri giotàran 's ionnstramaidean nas àbhaisteach eile). Ma tha ùidh agaibh, tha taghadh ciùil ri fhaighinn air an làraich aca.

A-nis, mu dheidhinn Musterhaus. Dìreach mar a bha e airson Grundstück, bha aig daoine ri chur airgead gu EN tron eadar-lìn agus bha dà roghainn ann -- CDs no mp3s. Thaghadh mi na mp3s a-mhàin oir cha robh mi cinnteach gum biodh am pròiseact math. Le Musterhaus bhiodh EN a' dèanamh "ceòl" glé neònach. Mar eisimpleir, airson an dàrna chlàir Unglaublicher Lärm chuir EN móran ghlaodhairean ann an seòmar beag beag 's chluich iad leis na fuaimean...

Anns na mp3s a fhuair mi Diluain, chluich EN a h-uile "port" air an aon ionnstramaid -- am Bassfeder! ("Bass spring" sa' Bheurla, ach chan eil fios agam idir dé an t-ainm a bhiodh air sa' Ghàidhlig!) Uill, nuair a chuala mi nach do chleachd EN dad ach am BassFeder, bha an t-eagal orm nach biodh ach sgudal sna mp3s. Ach abair iongnach a bh'orm nuair a bha mi ag éisdeachd ris na mp3s! Bha na puirt gu math binn!

Co-dhiù, nam bheachsa, tha an ceòl a bhios EN a' dèanamh glé inntinneach agus, 's dòcha, gum biodh e a' còrdadh ribh cuideachd. Carson nach éisd ri beagan den cheòl aca air an làraich ud?
Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com1tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1133712312140377502005-12-04T16:04:00.000+00:002005-12-04T16:34:40.603+00:00Àm na Nollaig

Àm na Nollaig
Tha Crìosd beò a rithist
ann a Woolworths.

"A bheil rùm anns an taigh-òsda?"
Chan eil gu dearbh --
tha iad a' dèanamh Bed and Breakfast.

Chan eil fhios aig an aiseal
air Crìosd no air Crìosdachd --
tha a cheann anns a' phrais.

Sgrìobh Hèrod òrdugh
ann an rùm dubh-dhorch --
"cuiribh ás do na rionnagan."

Bha sùilean an leinibh
a' coimhead a mhàthar
le iongnadh.

Na cìobairean air a' bheinn
cìobairean Leódhais --
eildearan na h-ath-linne.

Chuir Moire an saoghal
gu ciùin air a h-uchd --
nach E a bha meata.

Dh'fhosgail an Diabhal
cairt na Nollaig --
A Nèamh fhéin!

Dannsairean, dannsairean,
na rionnagan air an talamh
a' leum 's a' leum.

Anns an dealbh
Moire 's a Mac --
le Da Vinci no Rubens.

"'S e an leanabh mo nàmhaid,"
arsa Hèrod gu mall --
"tha an leanabh neo-thuigseach."

"Nuair nach còrd sgialachd ri leanabh,"
arsa Hèrod gu mall,
"innsidh e dhut e."

"Nuair a dh'fhàsas E suas,"
arsa Moire le pian,
"fàgaidh e mi."

"Nuair a dh'fhàsas E suas,"
arsa Moire le pian,
"Théid e dhachaigh."

Sheas na h-ainglean aig an dorus.
Leis an t-solus a thug E dhaibh
thug iad bho mhàthair E.

Uill, 's e Aidmheint a th'innte an dràsda 's mar sin bha mi a' smaoineachadh gum biodh dàn eile le Iain Mac a' Ghobhainn a' còrdadh ribh. Saoilidh mi gur e dàn neònach a th'ann, ach chòrd an t-ochdamh rann rium gu mór -- Dòmhnall Dubh le cairt na Nollaig... hehehe :-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com4tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1132159095284886782005-11-16T16:36:00.000+00:002005-11-16T23:42:36.296+00:00Uilebheist!

Uilebhiasd
ag éirigh ás a' chuan
"An gabh thu copan tea?"

Bha mi a' leughadh beagan bàrdachd bhon leabhar Eadar fealla-dhà is Glaschu le Iain Mac a' Ghobainn a-raoir. Tha na loidhnichean seo bhon dàn Sgialachdan Gàidhlig 's chòrd iad rium gu mór. Tha móran deagh dhàn san leabhar 's mholainn gu dearbh e. Cuiridh mi aon no dhà de na dàin eile an seo am mìos no an ath-mhìos. Tha aon ann mu dheidhinn Nollaige as toigh leamsa cuideachd, ach chan e an Dùbhlachd fhathast 's mar sin tha agaibh ri feitheamh seachdain no dhà. ;-)Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com4tag:blogger.com,1999:blog-12447817.post-1131736919836368682005-11-11T19:16:00.001+00:002006-03-13T02:28:59.330+00:00Ainm ùr agus sanasachdDh'atharraich mi ainm a' bhluig seo an diugh. Nuair a sgrìobh mi "faclan gliocais" sa' Ghiblean, chan e ach fealla-dhà a bh'ann. Aig an àm ud bha tiotal a dhìth orm 's thàinig "faclan gliocais" gu m'inntinn. Bha fios agam gu dearbh nach bi faclan gliocais ann idir an seo! Mar sin, bidh am blog seo a' dol leis an ainm "Facal no dhà bho Chadalach" a-nis. 'S e tiotal nas fheàrr a th'ann, nach e?

Co-dhiù, tha beagan deasbaid ann mu dheidhinn sanasachd airson saoghalan nam blogaichean ceilteach. Thoiribh ur beachdan (sa' Ghàidhlig no sa' Bheurla no sa' chainnt eile) an seo.Cadalachhttp://www.blogger.com/profile/13130622184951940531noreply@blogger.com3