An t-sìde an diugh agus Molesworth
Tha an t-uisge ann a-rithist an diugh agus tha mi glé shunndach oir chan eil i cho teth 's a bha i an seachdain seo chaidh. Am feasgar seo tha mi ag òl cofaidh agus a' leughadh Molesworth a-rithist. 'S toigh leam an leabhar gu mór cheers cheers cheers.
Bidh an fharpaischeist ann, mar as àbhaist, aig an taigh-seinnse a nochd ach tha mi a' smaoineachadh nach bi mi ga dèanamh -- tha i ro ràsanach na làithean seo chiz. 'S dòcha gum bi mi a' dol ann airson pinnt no dhà agus airson "barracking" a dhèanamh, ach cha bhi mi a' freagairt nam ceistean.
Beachdan...
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh