Blog ùr
Thòisich mi blog eile Diardaoin. Tha an t-ainm "Cogitata sapientia e Somniculoso" air, dìreach mar a tha e air a' bhlog seo! Feumaidh mi dad mu dheidhinn an ainme air a' bhlog seo a sgrìobhadh...
Co-dhiù, bha mi a' bruidhinn ri Mulus agus smaoinich sinn gum bu chòir dhuinn blogaichean a sgrìobhadh sa' Laidinn. Bha sinn ag ionnsachadh Laideann le chéile o chionn 2003 ach am bliadhna cha robh sinn a' dèanamh dad sam bith leatha. Chan eil mi airson i a dhìochuimhneachadh, ach chan eil fhios agam ma bhios àm gu leòr agam airson trì blogaichean a sgrìobhadh... Chì sinn!
Beachdan...
blog ann an laidinn! sgoinneil! feumaidh mi sinn fheuchainn cuideachd... :)
mona
Gu dearbh, bhiodh sin glé mhath -- leughainn e :-)
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh