Cuir tuilleadh Gàidhlig air na blogaichean!
Rabhadh: Leugh an seo!
O chionn ghoirid bha mi a' bruidhinn ri Graisg a-rithist mu dheidhinn nam blogaichean Gàidhlig. Thuirt mi gum bu chòir dha tuilleadh Gàidhlig a chur air a' bhlog aige!
Co-dhiù, fon phost seo, chì thu "sgrìobhte le..." 's "beachdan" an àite "posted by..." 's "comments" mar a bha e gu tùsail. Dh'innis mi do Ghraisg ciamar as urrainn dha na faclan seo atharrachadh agus a-nis, innisidh mi seo dhut cuideachd :-)
Rabhadh: 'S dòcha nach bi an "template" agad dìreach mar seo, ach, ma tha sinn fortanach, chì thu dé bu chòir dhut dèanamh. Ma nach eil thu cinnteach -- bi faiceallach!
posted by<$BlogItemAuthorNickname$> @ <a href="<$BlogItemPermalinkUrl$>" title="permanent link"><$BlogItemDateTime$>   <BlogItemCommentsEnabled> <a class="comment-link" href="<$BlogItemCommentCreate$>" <$BlogItemCommentFormOnclick$>><$BlogItemCommentCount$> Comments </BlogItemCommentsEnabled> <$BlogItemControl$>
<$BlogItemCommentCount$> Comments:
agus beagan an déidh sin
<dt class="comment-data" id="c<$BlogCommentNumber$>"><a name="c<$BlogCommentNumber$>">
At <a href="#c<$BlogCommentNumber$>" title="comment permalink"><$BlogCommentDateTime$>,
<$BlogCommentAuthor$> said...
(tha iad gu math faisg air a' bhun) agus atharraich na faclan gorm. Cùm na h-atharrachaidhean agus ath-fhoillsich am blog iomlan.
Dèanta!
Cuideachd, ann an "Settings > Formatting" is urrainn dhut na làithean, na mìosan 's mar sin air adhart atharrachadh gu àireamhan, ma thogras tu.
Tha fios agam mu dheidhinn ruid eile no dhà as urrainn dhut a dhèanamh, ach saoilidh mi gum bi seo gu leòr leat an diugh. 'S dòcha gum bi mi a' sgrìobhadh tuilleadh a-màireach no a dh'aithghearr.
Tha mi 'n dòchas gur urrainn dhut a thuigsinn dé tha mi ag ràdh agus gun robh seo feumail dhut.
Beachdan...
Aig 2/6/05 18:57, thuirt Blogger Graisg...
Sin thu fhèin Cadalach. ‘S e deagh chomhairle a th’ ann an siud ach mar a thuirt thu bu chòir a h-uile duine a bhith faiceallach. Dean leth-bhreac den ‘Template’ agad a h-uile turas ‘s chuir san àite sàbhailte e air word doc no rudeigin den leithid sin.
Leis an ‘masterclass’ agad cha bhi e fada gus am bi na blogaichean Gàidhlig cho math ri dad sam bith sa bheurla. Meal do naidheachd ‘ille
Aig 3/6/05 00:07, thuirt Blogger Cadalach...
Word? Cha toigh leam sin idir. Bidh e fada nas fheàrr ma bhios thu a' cumail an template agad ann an "faidhle-teacs". ('S dòcha le Notepad no...)
Co-dhiù, tl a Ghraisg. Tuilleadh a-màireach :-)
Aig 3/6/05 18:16, thuirt Blogger mona...
sgoinneil! feuchaidh mi sin a-nochd... :)
mona
Aig 29/6/05 22:39, thuirt Blogger Jessica...
Thòisich mi blog dìreach beagan làithean air ais agus bha a' mhìneachadh agad glè fheumail dhomh :).
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh