Ro theth

Bha i ro theth an seo ann am Manchester an diugh. B'ann mu 23°C a bh'ann an teodhachd, ach bha sinn fortanach -- ràinig i mu 32°C ann an Lunnainn! Cha toigh leam an aimsir theth idir. Ma bhios an teodhachd mar sin an seo as t-Samhradh, bidh mi a' leaghadh... cha bhi sin math.

Tha mi a' dol a Leeds Diluain airson na criogaid (Siorrachd Iorc an aghaidh nan Albannach!) -- tha mi 'n dòchas nach bi i cho teth.

Beachdan...

Aig 29/5/05 12:22, thuirt Blogger mona...

hallo a chadalaich,
tha e ro theth an-seo cuideachd... tha mi uabhasach cadalach ;) agus chan eil mi ag iarraidh obair no rudan feumail a dhèanamh idir.
bu toigh leam suidhe fo chraoibh agus uachdar reòite ithe fad an latha :D
mona

 
Aig 31/5/05 17:59, thuirt Blogger Cadalach...

Ah, bhiodh sin glé mhath...

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh