An duine ràsanach 2
Bha e air chéilidh orm a-rithist a-raoir. Chan eil an seo, ach air Sgàilean-sùla Troma -- am blog eile agam a tha mi a' sgrìobhadh anns a' Bheurla. Chuir e ceist orm mu dheidhinn litreachadh ainm a' bhluig seo. Bha e a' smaoineachadh gun robh mi ceàrr. (Tha an litreachadh ceart, nach eil?) Co-dhiù, dhubh mi a-mach a bheachd, ach chan eil mi a' tuigsinn dà rudan. Ma nach eil a' Ghàidhlig buntainneach an diugh (mar a chanas e), carson a bha e a' leughadh nam blogaichean seo? Agus, carson a bha e a' leughadh iad nuair nach urrainn dha iad a thuigsinn?!
'S e call a th'ann, ach tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur e fear bhon thaigh-seinnse ionadail far an òl mi o àm gu àm a th'anns an duine ràsanach. Bha mi a' bruidhinn ris mu dheidhinn bhlogaichean Gàidhlig sa' Ghiblean. Chan eil mi cinnteach ach, ma tha mi ceart, 's urrainn dhomh innse dhuibh gu bheil an t-ainm air iomchaidh!
Ma tha sinn fortanach, cha bhi e a' tighinn air ais a-rithist.
Beachdan...
Bi faiceallach Chadalach chòir ma nì thu rannsacadh, chunnaic mi ‘Cracker’, nach robh sin ann an Manchester?
Bha, tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Bu toigh leam Cracker, ach chan fhaca mi e o chionn ghoirid. Tha iad (air DVD) aig mo charaid, ach thuirt i nach bi mi a' gabhail iasad dhiubh bhuaipe! :-(
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh