Fàilte a h-uile duine!

Fàilte gu mo bhlog ùr. Tha mi 'n dòchas gum bi sibh a' tachairt air rud no dhà a tha inntinneach dhuibh.

Chan eil fhios agam fhathast dé bhios mi a' sgrìobhadh an seo, ach chì sinn luaithe no maille!

Beachdan...

Aig 26/4/05 20:34, thuirt Blogger Graisg...

Sin thu fhèin a Bhalaich. Fàilte chun a' bhlogosphere ghàidhlig :-)

 
Aig 26/4/05 22:50, thuirt Blogger Cadalach...

Tapadh leat -- bidh mi a' blogachadh mar dheamhan a-nis!

 
Aig 27/4/05 10:43, thuirt Blogger Ceud mac Magach...

Halò, a Chadalaich! Is mise, Camha, a th'ann ged a tha ainm eile agam airson blogachadh. Tha mi an dòchas nach tèid thu "cho sgìth ris an deamhan" ma bhios tù a' blogachadh cus heheh. Bithidh thu feumail air barrachd chadail ma tha ...

Duhh, ceisd: ma tha thu a' fuireach faisg air Manchester, carson a tha thu a' leantainn Siorrachd Iorc, hmm?

Camha.

 
Aig 27/4/05 11:01, thuirt Blogger Graisg...

'S e statsanorak a th' annamsa :-)
agus mar sin bha fhios agam an dearbh mionaid a thoisich thu :-)

A bheil blog agadsa cuideachd a Chamha?

 
Aig 27/4/05 17:24, thuirt Blogger Cadalach...

Fàilte a Chamha,

Nach eil a' cheist "Carson a tha thu a' fuireach air an iar den Pennines nuair a tha thu ás an ear?" ? 'S geal dath an ròis agamsa. :-)

Agus ma tha blog agad a Chamha, càit' a bheil e? No a bheil e dìomhair?

 
Aig 27/4/05 18:03, thuirt Blogger Graisg...

Saoilidh mi nach do thachair mi air an dithis agaibh ann an àite air choireigin?

 
Aig 28/4/05 11:20, thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Fàilte dhan na blogaichean! Tha mi-fhìn car ùr dhan ghnothaich cuideachd!

 
Aig 29/4/05 18:07, thuirt Blogger Cadalach...

Tapadh leat a bhalaich -- bidh mi a' cumail sùil air a' bhlog agad :-)

 
Aig 4/5/05 14:16, thuirt Blogger Ceud mac Magach...

Gràisg: "A bheil blog agadsa cuideachd a Chamha?"
Tha blog neo dhà agam ach chan eil iad follaiseach fhathasd. Chan eil mòran orra a-nisd co-dhiù. :)

Cadalach: "'S geal dath an ròis agamsa. :-)"
'S e agus agamsa. Rugadh mo mhàthair ann an Huddersfield. Bha mi cinnteach gum b'e seòrsa de mhuncaidh a bh'ann "daft aporth" 's mi nam phàisde.
Bheil beachd agad air Barnsleyspeak?
http://www.barnsleylife.com/tonythepitpony.htm

Camha.

 
Aig 6/5/05 17:55, thuirt Blogger Cadalach...

'S ann glé mhath a th'ann am Barnsleyspeak. Sheall mi e do charaid agam a tha ás a' Mhexico, ach cha do thuig e rud sam bith. 'S bochd.

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh