An duine ràsanach
Feasgar math,
Tha a' ghrian a' deàrrsadh ann am Manchester an-diugh agus tha mi sona oir 's e Dihaoine a th'ann. Ach...
Nuair a bha mi ann nas moiche, bha mi beagan brònach oir chunnaic mi beachd bho dhuine a tha an t-ainm "ràsanach" air. Saoilidh mi nach eil a' Ghàidhlig aige, mar sin chan eil mi a' cleachdadh an ainme Bheurla aige. Co-dhiù, bha e a' sgrìobhadh anns a' Bheurla 's bha e ag ràdh nach eil a' Ghàidhlig buntainneach an-diugh. Chuir mi am beachd aige anns an t-sgoithich-sgudail gun dàil!
Ma tha thu ga fhaicinn, cuir na faclan aige anns an t-soithich-sgudail cuideachd! Chan eil an duine ràsanach seo a dhìth oirnn anns a' chruinne-bhlogaichean.
Beachdan...
Cuir e cèilidh orm sa cuideachd ach dh' fhàg mi a chuid bheurla. Ma sgriobhas e a rithist cuiridh mi as e.
Tha fios agam -- tha mi a' smaoineachadh gur e troll a th'ann. 'S bochd.
Dh'fhaodadh e bhggradh dheth! :D
Tha a' Bheurlig beò!
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh