Sabhal Mór
Chunnaic mi an-dràsda a tha am blog seo ainmichte air an làrach Sabhail-Mhóir. Bha sin uamhasach luath 's tha mi a' cnuasachadh ciamar a tha fios aca. An robh duine sam bith a' bruidhinn riutha? Chan eil e gu diofar dhomh (ach tha mi toilichte) -- ach bha e cho luath!
Tha sinn a' gluasad air astar ann am blogosphere Gàidhlig an-diugh!
Beachdan...
Chuala mi gun do chuir an ‘CBG’(Comunn Blogaichean na Gàidhlig) aonad Poileas Smaoineachadh air bhog ‘s tha iad a’ cumail sùil ort. :-)
Obh obh! Chan eil an t-acras ach an t-eagal orm a-nis! Càit' a bheil Winston Smith nuair a tha e a dhìth orm?
Agus càit' a bheil Balgair? Tha mi 'n dòchas gu bheil e gu math, ach chan fhaca mi e air SG o chionn ghoirid.
Is mòr m'amharas gu bheil Balgair a' cumail ri seanfhacal a dh'ionnsaich mi bhon ùghdar as fheàrr leam: if the other fellow can do it, let him.
Neo an do ghlac am Polas Smaoinichidh e? Air crith ...
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh