Dé tha "Chip and PIN" anns a' Ghàidhlig?
Cha robh mi a' sgrìobhadh dad an-seo o chionn ghoirid oir cha robh mi gu math. Bha an cnatan orm 's bha mo cheann goirt cuideachd, ach 's e rud gasda a th'ann am paracetamol agus tha mi a' faireachdainn nas fheàrr a-rithist a-nis.
Co-dhiù, a chionn gun robh mi tinn, cha robh móran bìdh anns an taigh agam an-dé. Mar sin, chaidh mi a Thesco mu dheich uairean a-raoir. 'S fheàrr leam a bhith ann an Tesco nas anmoiche air an fheasgar oir chan eil e cho trang an uairsin.
Thagh mi na rudan a bha mi ag iarraidh agus chaidh mi chun an àite pàighidh. A chionn gur e anam dàna a th'annam, chaidh mi dhan àite fhìn-fhritheilteach. Bha e a' dol gu math agus bha na bagaichean làn. An uairsin, chuir mi a' chairt agam tron inneal agus bha an gnothach dèanta! Cha do sgrìobh mi m'ainm air rud sam bith agus cha do dh'ùisnich mi mo PhIN na bu mhotha!
Dé am feum a th'anns an tèarainteachd ùr? An ath uair a tha mi anns a' bhùth, nì mi cairt de chuideigin eile!
Beachdan...
Leugh mi ‘tiops’ ann an ‘Là a Dhèanamh Sgeil Do Là,’ airson ‘chips’:-)
Tha thu a’ faireachdainn nas fheàrr., s’ math sin:-)
Chunnaic mi sin anns an Eurotalk DVD cuideachd, agus "piotsa" airson "pizza" ach cha toigh leam na litreachaidh seo.
Bha am post seo ro dhàna -- chan aithne mi faclan gu leòr... :-(
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh