Sudoku
Dé am feum a th'ann an Sudoku? Rinn mi aon an diugh ach cha robh e inntinneach idir. Nì mi tòimhseachan-tarsainn gu tric 's saoilidh mi gu bheil iad fada nas fheàrr na Sudoku. Dé do bheachd?
Nuair nach eil mi nam chadal, bidh mi a' sgrìobhadh an seo bho àm gu àm...
Beachdan...
O, 's tòigh leam na tòimhseachain (?) SuDoku gu mòr! Agus 's e seo an rud as fheàrr leotha - 's urrainn dhomh an dèanamh a-rithisd agus a-rithisd, oir cha chuimhnich mi na h-àireamhan mar a chuimhnichinn faclan ann an tòimhseachan-tarsainn.
'S dòcha gur e rud nerdy a th'ann an SuDoku!
C.
Anns an dol seachad - "2 beachdan"? Hehehehheh. Chan eil sin ceart idir. Nach eil blogger.com co-fhreagarrach ris a' Ghàidhlig ma tha? :D
C.
Tha fios agam, ach tha Blogger ag ràdh "1 Comments" sa' Bheurla cuideachd... chan eil e ag ràdh gu ceart idir!
Ach, nuair a tha mi air seo a sgrìobhadh, bidh "3 beachdan" ceart! :-)
Dh'atharraich mi rud no dhà leis na beachdan an diugh. Saoilidh mi gu bheil iad nas fheàrr a-nis.
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh