Latha trang
Dh'éirich mi tràth an diugh, uill, aig mu naoi uairean -- 's e Didòmhnaich a th'ann -- oir bha mi a' dol dhan taigh-dhealbh. Cha toigh leam a dhol an sin nuair a tha e ro thrang, mar sin choinnich mi ri L ro aon uair deug agus chaidh sinn ann. Choimhead sinn air Cogaidhean nan Rionnagan 3 's bha e glé mhath. Cha robh mi cinnteach ma bhiodh e math, ach bha mi air na filmichean eile a choimhead agus mar sin, bha mi airson seo a choimhead cuideachd. Bha e a' còrdadh ruim 's bha mi a' gàireachdaich gu tric. 'S toigh leam Ioda! Cha sgrìobh mi rud sam bith eile mu dheidhinn an fhilm air eagal gu bheil thu ag iarraidh a choimhead.
An dèidh an fhilm, dh'ith sinn lòn anns am "Poncy Wine Bar". Tha an t-ainm Seòmar-searraidh Sasannach air, ach 's e poncy wine bar a th'ann... Co-dhiù, an uair sin chaidh sinn do Chlachan-uisge oir bha L airson leabhair mu dheidhinn Florence (anns an Eadailt) a cheannach agus bha mi airson cofaidh -- tha mi ag iarraidh cofaidh daonnan.
A-nis, tha mi anns an oifis agam. Bu chòir dhomh a bhith ag obair, ach 's fheàrr leam a bhith a' sgrìobhadh air am blog agam...
Beachdan...
Air do shocair, air do shocair ;-)
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh