Post-d gu blogger 3
Sgrìobh mi thuca a-rithist Diciadan sa chaidh ach a-nis tha mi a' smaoineachadh nach eil iad gam éisdeachd. Cha do sgrìobh iad dad sam bith thugam fhathast, mar sin saoilidh mi gum bi sinn gun taic bhuapa. 'S bochd.
Fhuair mi pìos còd ann an javascript bho Rhys sa' Chuimrigh a dh'atharraicheas na làithean 's na mìosan air blog gu Cuimris. Saoilidh mi gun urrainn dhomh e atharrachadh agus mar sin bi iad sa' Ghàidhlig.
Beachdan...
tha mi dhen bheachd nach eil daoine aig na companaidhean mòra (no àitean mar "blogger.com") ag iarraidh èisdeachd ris daoine leis na cànanan beaga.
sgrìobh mi gu ICQ.com agus yahoo.com gu tric, mu dheidhinn nan cànanan anns an liosta aca anns na prògraman chòmhradh. tha na prògraman sin uabhasach feumail, tha mi a' smaoineachadh, airson caraidean ùra faighinn agus cabadaich ann an cànanan a tha thu ag ionnsachadh. ach tha mòran cànanan ann nach eil anns an liosta idir agus chan urrainnear an taghadh. mar eisimpleir saami, inuit, cànanan aimeireaganach, etc., agus chan eil iad a' dèanamh diofar eadar gàidhlig albannach is èireannach... cha bhitheadh e cho doribh sin atharrachadh... agus bhitheadh e feumail do mhòran daoine.
mona
Tha mi ag aontachadh leat gu dearbh. Tha mi'n dòchas gum bi iad ag éisdeachd rinn ri tìde, ach chan eil mi cinnteach idir :-(
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh