Litrichean Ruairidh
Leugh mi ceithir den Litrichean do Luchd-Ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain bhon BhBC a-raoir 's bha iad a' còrdadh rium gu mór -- gu h-àiridh an litir mu dheidhinn a' phoca-salainn. Chlò-bhuail mi a' chiad dheich dhiubh o chionn mìosa (no dhà?) ach cha robh àm agam air an son a leughadh. Bu chòir dhomh a bhith air eadhon aon a leughadh, ach cha d'rinn mi.
Uill, ghabh mi iongantas oir bha mi a' smaoineachadh gum biodh iad nas doirbhe na bha iad. Gu dearbh bha am faclair agam ri mo thaobh, ach b'urrainn dhomh móran a leughadh gun e. Saoilidh mi gum bi duilgheadasan orm a dh'aithghearr le litrichean eile, ach bha deagh shunnd orm a-raoir :-)
Mar sin, ma tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig, bu chòir dhut móran nan litrichean seo a leughadh gun dàil -- bithidh mi!
Beachdan...
Mholainn na litrichean cuideachd, tha iad gu math feumail. Tha moladh eile agam agus ‘s e sin ri ràdh gu bheil mi làidir den bheachd gur e leabhar anabarrach math airson luchd-ionnsachaidh a’ th’ ann an ‘Dacha mo Ghaoil’. Tha an leabhar seo loma-làn de chòmhradh eadar na pearsachan. Ma dh’ fhaoidte gum biodh e doirbh sa chiad dol a-mach ach bhiodh e na bhuannachd mhòr dhut; ‘s chan eil aig an leughadair ach ceist a chur air na fòrams aig savegaelic.org mar eisimpleir nan robh rudeigin nach robh e a’ tuigsinn.
Dé tha "plug" sa' Ghàidhlig? :-) Ach tha thu ceart.
Ceannaichidh mi an leabhar sin a dh'aithghearr, is dòcha nas anmoiche an diugh no a-màireach, ach tha mi a' smaoineachadh gum bi mi a' lorg san fhaclair gu tric... mar as àbhaist.
Bidh mi a' clò-bhualadh litrichean eile an diugh. Ma dh'fhaoidte, gun ceannaich mi faidhle air an son cuideachd!
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh