Teas agus tuilleadh javascript
Bha an aimsir ro theth a-rithist an diugh. Bha mi nam chadal fad na maidne agus, nuair a dhùisg mi, cha robh mi sona. Nigh mi, chuir mi m'aodach orm 's dh'fhàg mi an taigh. Obh! Bha i nas teotha a-muigh! Dh'fhosgail mi dorus a' chàir agus obh obh! -- bha e fada nas teotha a-staigh! Thuirt an teas-mheidh 29°C ach bha sin a-muigh -- saoilidh mi gun robh e gu bhith 300°C sa' chàr fhéin. Chuir sìos mi na h-uinneagan 's dhraibh mi chun Manchester gu luath!
Nuair a ràining mi Manchester, chaidh mi dhan oifis agam far nach robh e cho teth. Mar sin dh'obraich mi air pìos eile javascript airson nan làithean 's nam mìosan air a' bhlog san Laidinn agam. Bha an javascript seo fada nas doirbhe na'm còd a tha ann air a' bhlog seo -- bha na Ròmananaich craicte! Sgrìobhadh iad "ante diem V Idus Iulias MMDCCLVIII ab urbe condita" airson an diugh. Chan eil sin ciallach idir! Co-dhiù, ma tha ùidh agad, bidh an javascript ag obair air a' bhlog ud a dh'aithghearr. ('S dòcha a-màireach.)
Beachdan...
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh