Iomraiteach sa' Chuimrigh
Uill, sgrìobh Rhys thugam a-rithist an dé. Thuirt e gu bheil iad a' bruidhinn ormsa anns a' chruinne-bhlogaichean Chuimreach! Bha Rhys air dà phuist fhaicinn mu dheidhinn na javascript a dh'eadar-theangaich mi bho Chuimris gu Gàidhlig o chionn ghoirid. Chan eil fhios agam fhathast dé tha iad ag ràdh, ach 's urrainn dhut na puist fhaicinn an seo agus an seo. Ma chì mi mo charaid an diugh (aon a tha às a' Chuimrigh), bithidh e ag eadar-theangachadh na puist seo gu Beurla. An uair sin, sgrìobhaidh mi eadar-theangachadh eile an seo...
Cha tuirt mi seo fhathast, ach feumaidh mi cur móran taing gu Sbwriel 's Rhys airson a' chòd sa' Chuimris -- gun sin bhiodh a' Bheurla ann fhathast agus cha bhiodh sin a' còrdadh rium idir! Tapadh leibh a bhalacha! :-)
Beachdan...
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh