Johnny Cash agus a' chriogaid

Chan eil mi air a bhith a' blogachadh cho tric o chionn ghoirid, oir bha mi ro thrang. Uill, chan eil sin dìreach ceart, "trang a' dèanamh neoni", mar a chanas iad. Tha am fiabhras-feòir orm a-rithist an t-seachdain seo, mar sin chan eil mi cho sunndach 's a bhios mi mar as trice. Grrr.

Fhuair mi an CD Laoidheadair mo mhàthar le Johnny Cash an t-seachdain seo chaidh. 'S e an CD mu dheireadh a do chlàraich e mus do bhàisich e a th'ann. Fhuair mi seo, nuair a bha mi san t-Siorrachd Iorc, oir bha e tiodhlac bho O airson an co-là-breith agam. Bha mi ag éisdeachd ris an CD seo anns a' chàr nuair a bha mi a' dràibheadh air ais gu Manchester 's bha e uamhasach ràsanach! Nis, cha robh e dona -- bha na h-òrain cho ionraic, cho simplidh, cho cudthromach dhasan, ach chan eil e a' còrdadh rium. 'S fheàrr leam rudeigin nas beothaile.

An diugh tha mi ag éisdeachd ris a' chriogaid air an réidio. Tha Sasainn a' cluich glé mhath :-) Tha mi 'n dòchas gum bi iad a' cluich gu math a-màireach 's Didòmhnaich cuideachd. Tha mi a' smaoineachadh nach bi iad a' cluich fhathast Diluain! Tha Sasainn 99 ruithean air thoiseach air nan Astràilianach letheach-slighe tron gheama!

Beachdan...

Aig 5/8/05 22:36, thuirt Blogger Graisg...

Chunnaic mi Johnny Cash aig Glastonbury nuair a bha mi beagan nas oige.
Fada-a-mach duine(mar a chanas iad sa chànain eile.)

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh