Spam!

Chunnaic mi a' chiad phìos spam air a' bhlog seo an diugh. Bha an spam bho dhuine leis an ainm "Mike Price" air 's bha e a' bruidhinn air craobhan! Bha móran ri ràdh aige ach cha do leugh mi a' mhórchuid den fhaclan aige. 'S toigh leam craobhan, ach cha toigh leam spam mun deidhinn idir.

Ach, tha seòl-obrachaidh ùr againn air Blogger anns a' chogadh an aghaidh nan luchd-spamaidh. Tha Blogger a' dèanamh "aithneachadh facail" a-nis (ma tha thu ga iarraidh) mus urrainn do leughadairean beachdan fhàgail. 'S math sin! Tha mi 'n dòchas nach bi spam ann an seo a-rithist a-chaoidh, ach chan eil mi cho faoin...

Beachdan...

Aig 20/8/05 09:51, thuirt Blogger Graisg...

Cuir gu bas iad!

 
Aig 20/8/05 11:01, thuirt Blogger Cadalach...

Gu dearbh. Chan eil iad a dhìth oirnn sa' chruinne-bhlogaichean. 'S dòcha gum biodh facal no dhà aig Mac an T air an son?!

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh