Chan eil móran
Chan eil m'eanchainn ag obair an diugh. Tha mi nam shuidhe san oifis agam, ach chan eil mi a' dèanamh dad, uill, dad feumail co-dhiù. Tha an cadal orm a dh'aindeoin 's gu bheil mi air pailteas cofaidh òl. Bha mi a' feuchainn ris an tòimhseachan-tarsainn san Sùil Phrìobhaideach a dhèanamh ach tha mi ro ghòrach an dràsda. Fhuair mi mu dheich freagairtean ach an uair sin sguir mi. 'S dòcha gum bi mi a' feuchainn ris nas anmoiche.
Mar as àbhaist, bidh mi a' dol dhan taigh-seinnse a-nochd a chionn 's gum bi an ceasnachadh ann. Chan eil mi cinnteach ma bhios e math -- bidh J (an DJ a bha a' cur ceistean thugam mu dheidhinn tòimhseachain-tarsainn) a' dèanamh nan ceistean agus bidh N (amadan a' bhaile) a' dèanamh nan dealbhan. Thuirt J gum bi 50 ceistean ann 's na h-uile mu dheidhinn ciùil... Ah uill, c'est la vie.
Fhuair mi an CD ùr le Khanate bho Amazon an diugh 's mi dìreach air éisdeachd ris. Mar as àbhaist tha e chooo slaodach 's tha Alan Dubin (an "seinneadair") a' sgreuchail mar mhuncaidh leis a chlachan ann an teanchair! Cha bhi Khanate a' cluich ceòl àghmhor sona. :-)
Beachdan...
's toil leam chan eil mòran na cus! Bha cus agam seachdain seo. An urrain dhuinn ag athairaich?
Chan urrainn! Cha robh mi a' dèanamh dad feumail Diluain, ach gu cinnteach bu chòir dhomh a bhith air móran a dhèanamh! Co-dhiù, cheannaich mi taigh o chionn cóig bliadhna 's chan eil mi airson sin a dhèanamh a-rithist a dh'aithghearr -- abair bùrach a bh'ann! ;-)
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh