Abair latha!

Uill, 's e an t-Sultain an th'innte a-nis, ach tha i caran ro theth dhomh fhathast. Ach abair latha a bh'ann an dé -- bha an teochachd 28°C nuair a bha mi a' coiseachd dhan bhaile feasgar. Bha agam ri dhol dhan oifis a' phuist airson parsail oir cha robh mi aig an taigh agam nuair a thàinig am post Dimàirt.

Bha mi air ais aig an taigh mu thrì uairean 's bha a' ghrain a' deàrrsadh, ach mu cheithir uairean fhàs e glé dhorcha. Chuir mi an solas air 's an uair sin thàinig an t-uisge. Bha e bog fliuch 's abhainn a' ruith sìos an rathad. Beagan an déidh sin, bha tàirneanach 's dealanach ann cuideachd! 'S toigh leam aimsir mar sin gu mór -- nuair a tha na diathan a' sabaid ri chéile!

Co-dhiù, mionaid no dhà an déidh sin, chaidh an dealain 's mi nam shuidhe sa chathair agam leam fhìn san dorchadas fhad 's a bha cogadh sna speuran os mo chionn! Las mi coinneal 's chaidh mi dhan leabaidh far an do leugh mi beagan bhon leabhar "Eagal san dorchadas" a cheannaich mi bho Chomhairle nan Leabhraichean 's a bha sa pharsail...

Abair latha!

Beachdan...

Aig 3/9/05 21:03, thuirt Blogger Graisg...

‘Dealanach a’ crochadh eadar a loidhnichean fhèin ’

Cha robh ach rudeigin a chunnaic mi ann an dàn beurla ann an sin.
:-)

 
Aig 5/9/05 13:37, thuirt Blogger mona...

tha e glè bhlàth an-seo cuideachd. tha na flùraichean agam fhathast a' fàs :)
ach tha mi a' faireachdainn an fhoghair...

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh