Blog diofaraichte

Tha saoghal nam blogaichean Gàidhlig a' fàs gu luath an dràsda, ach chunnaic mi blog ùr an diugh. Chan eil e sa' Ghàidhlig, ach sa' Chòrnais! Chan urrainn dhomh a leughadh oir chan eil Còrnais agam (uill, chan eil fhathast!) ach chan fhaca mi a leithid gu ruige seo. An e a' chiad bhlog sa' Chòrnais? Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Ach co-dhiù, ma tha ùidh agaibh anns a' chànain seo, 's urrainn dhuibh am blog fhaicinn aig Nebes Geryow Kernewek.

Beachdan...

Aig 16/10/05 01:12, thuirt Blogger Graisg...

Tapaidh leat ‘ ille, tha sin gu math inntinneach. Saoilidh mi gur e neach ionnsachaidh sna stàitean. Tha e a’ fuireach ann am Balitmore? Bha mi a’ lorg àite airson beachd a chur air a bhlog ach saoilidh mi nach eil an goireas sin ann. Tha mi a’ tuigsinn beagan, rinn mi beagan ‘Kernewek dre Lyther’ (Còrnais tro litrichean), ‘s e cùrsa air loidhne a th’ann.

 
Aig 16/10/05 18:19, thuirt Blogger Cadalach...

'S e do bheatha. Bha fios agam mu dheidhinn KDL agus bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn an dé. Chlò-bhuail mi an cùrsa agus leugh mi leasan no cóig a-raoir -- chan eil e dona idir. An déidh sin, nuair a bha mi a' cluich le google, chunnaic mi am blog. Bha mi airson beachd' a chur air cuideachd ach tha e coltach nach bi an t-ùghdar ag iarraidh beachdan. Chan eil post-d ann air a shon nas motha... :-(

 
Aig 18/10/05 01:18, thuirt Blogger Helena Gowan...

tapadh leat, a chadalaich. ;) tha mi duilich chan urrain dhomh àm ag ionnsachachd cànan ùr idir... tha mi nam confusion gu lèor!

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh