Sgìth a-rithist

Bha mi cho sgìth ri cù an dé. No, 's dòcha, ri seann chù-chaorach a bha a' ruith suas 's sìos nam beann fad an latha. Uill, beagan mar sin. Chaidh mi dhan leabaidh mu ochd uairean feasgar! Ochd uairean air Dihaoine! Chan eil sin gnàthach idir. Dhùisg mi mu mheadhan oidhche 's chaidh mi sìos an staidhre. Bha e cho sàmhach. Leugh mi beagan air SG ach an uair sin bha mo shùilean a' dùnadh a-rithist 's chaidh mi air ais dhan leabaidh...

An diugh tha mi a' faireachdainn fada nas fheàrr. Tha Siorrachd Iorc a' cluich an aghaidh Siorrachd Darbaidh agus bu chòir dhaibh buannachadh. Chan eil an Saoghal cho dona an diugh -- cha robh mi san taigh-seinnse o chionn Diluain (an déidh na criogaid!) ach saoilidh mi gum bi mi ann a-nochd.

Beachdan...

Aig 21/9/05 06:37, thuirt Blogger Helena Gowan...

aaw a Chadalaich bochd. Tha mi glè sgith cuideachd agus cha fhios agam carson. Tha mi an dòchasa gum bidh thu a’faireachdainn nas fheàrr dh'aithgearraidh.

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh