Spùinneadairean-mara air fàire!


Tha mi 'n dòchas nach do chuir mi an t-eagal oirbh leis an dealbh seo! Ach...

Bha mi a' sealltainn air an làrach-lìn aig ebay an t-seachdain seo chaidh agus chunnaic mi duine a bha a' reic brataichean. Bha brataichean de gach seòrsa aige, ach b'fheàrr leam an té seo. Mar sin, cheannaich mi i agus ràinig i an taigh agam latha no dhà air ais. Tha a' bhratach math fhéin! Ach gu mì-fhortanach chan eil fhios agam idir dé a nì mi leatha, ach tha mi den bheachd gum bi i feumail san àm ri teachd...

Bi faiceallach ma bhios sibh a' seòladh air canàl faisg air Manchester a dh'aithghearr -- ma dh'fhaoidte gum bi mi ann an àite-falaich faisg air làimh leis a' bhrataich ùir agam! Leumaidh mi a-mach agus goididh mi am bàta 's na buinn-a-h-ochd agaibh!

A-nis, càit' a bheil mo ghrog? Io ho ho!

Beachdan...

Aig 2/10/05 19:34, thuirt Blogger Graisg...

Nuair a chunnaic mi do bhratach shaoil mi gur e leth-bhreacan spuinneadairachd de GhOC11 a bha thu a’ reic! ;-)

 
Aig 2/10/05 21:00, thuirt Blogger Cadalach...

Uill, ma chuireas tu not no dhà ann an céis dhuinn thugam, saoilidh mi gum bi sin so-dhèanta! Ach bu chòir dhuinn a bhith faiceallach -- 's e cùis chunnartach a th'ann an spùinneadaireachd GhOC. Chan eil mi ag iarraidh am poileas aig an dorus a-rithist... Io ho ho!

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh