Na h-Òganaich
Tha Manchester a' fàs nas trainge a-rithist an dràsda. Tha na h-òganaich (no "juveniles" mar a chanas sinn) a' tighinn air ais dhan oilthigh 's tha iad a' coimhead nas òige na bha iad a-riamh. Mar as àbhaist san t-Sultain, tha mi a' faireachdainn aosda...
Bha mi ann am meadhan a' bhaile Dimàirt, a' coiseachd sìos Sràid a' Mhargaidh 's bha e fada ro thrang. Gu dearbh, bithidh Sràid a' Mhargaidh ro thrang gach latha, ach aig an uair sin bha e uamhasach dona. Bha a h-uile duine a' dol a-null 's a-nall gun smaoin 'son duine sam bith eile.
Aig an oilthigh fhéin, chan eil e cho sàmhach a-nis. Tha na h-òganaich a' coiseachd gu trom tro na trannsaichean ach théid iad dhachaigh mu shia uairean, an déidh sin tha e nas fheàrr a-rithist. (Cha bhi mi ann sna maidnean na làithean seo.)
Chan eil mi cinnteach fhathast ma bhios mi a' teagasg beagan mu dheidhinn automata 's innealan Turing, ach 's dòcha gum bi mi ga dhèanamh a-rithist am bliadhna. Chan eil e ro dhona ('s chan eil e doirbh) ach théid am fiosrachadh a-steach tro aon chluas agus a-mach tron chluais eile -- dìreach mar a rinn e aig an àm ud nuair a bha mi nam fho-cheumnaiche! Ah uill, "lath' eile 's dolar eile" mar a chanas iad...
Beachdan...
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh