Lemmy air drogaichean...


Chunnaic mi an dràsda gum bi Lemmy bho Mhotörhead a' labhairt mu dheidhinn drogaichean sa' Chuimrigh a-màireach! Bidh e a' bruidhinn aig Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh ann an Caerdydd. Ma tha ùidh agaibh, tha tuilleadh an seo bhon BhBC.

Bidh Lemmy 's an còmhlan aige a' cluich ann am Manchester Disathairne, ach gu mì-fhortanach chan eil ticead agam. Chunnaic mi Motörhead bliadhnaichean air ais (1998?) 's bha iad fìor mhath. Tha mi an dòchas gum faic mi iad a-rithist san àm ri teachd ach cha bhi cothrom agam am bliadhna :-(

Beachdan...

Aig 6/11/05 08:43, thuirt Blogger Graisg...

Chuir sin nam chuimhne nuair a chunnaic mi Lemmy air tele o chionn fada nuair a bha e a-mach air an sgrios a bha hearoin a dhèanamh. Ma’s math mo chuimhne thuirt e gum pronnadh e duine sam bith a chitheadh e an sàs hearoin. ‘S e duine gasda a th’ ann! Sin thu fèin Lemmy. Ròc ort ‘ille!

 
Aig 6/11/05 16:25, thuirt Blogger mona...

oh, inntinneach... bha mi daonnan a' smaoineachadh gum bi esan air mhisg gu tric... ach is dòcha nach eil sin a' cunntadh mar dhrogaichean ;)
gun teagamh, tha an ceòl a rinn esan le motörhead air a bhith gu math cudthromach airson ceòl ròc / meatailt air fad.

 
Aig 6/11/05 18:45, thuirt Blogger Cadalach...

Beagan tuilleadh mun làbhairt an seo, ma tha ùidh agaibh.

Agus tha thu ceart Mhona, 's bochd nach eil móran dhaoine air dad sam bith le Motörhead ach Ace of Spades a chluinntinn. 'S ann math fhéin a tha CDs mar 1916 agus Bastards... tha iad nas fheàrr na AoS :-)

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh