Uilebheist!




Uilebhiasd
ag éirigh ás a' chuan
"An gabh thu copan tea?"



Bha mi a' leughadh beagan bàrdachd bhon leabhar Eadar fealla-dhà is Glaschu le Iain Mac a' Ghobainn a-raoir. Tha na loidhnichean seo bhon dàn Sgialachdan Gàidhlig 's chòrd iad rium gu mór. Tha móran deagh dhàn san leabhar 's mholainn gu dearbh e. Cuiridh mi aon no dhà de na dàin eile an seo am mìos no an ath-mhìos. Tha aon ann mu dheidhinn Nollaige as toigh leamsa cuideachd, ach chan e an Dùbhlachd fhathast 's mar sin tha agaibh ri feitheamh seachdain no dhà. ;-)

Beachdan...

Aig 16/11/05 20:44, thuirt Blogger Seonachan...

'S toil leamsa an leabhar seo cuideachd. Tha pìos ann a tha 'dol "Ma 'se Gàidhlig an cànan a bh'aca 'sa Gharradh, Carson a bha Eubha a' falbh gun aodaich?" neo rudeigin mar sin. Gu math èibhinn!

 
Aig 16/11/05 21:05, thuirt Blogger mona...

oho, inntinneach gu dearbh! feumaidh mise an leabhar seo cuideachd, tha mi a' smaoineachadh... :-)
agus abair dealbh snog a chuir thu ann, leis an dràgan. is toigh leam dràganan :-D
mona

 
Aig 17/11/05 20:04, thuirt Blogger Cadalach...

Cuiridh mi an dàn Mas e Ghàidhlig an cànan an seo, a Mhona, ma tha ùidh agad.

 
Aig 20/11/05 21:20, thuirt Blogger Helena Gowan...

tapadh leat, a Chadalaich! Ged leugheas mi 'eadar san dorchadas' fathast ceannichidh mi leabhar seo cuideachd. Is toil mòr leam dràganan, hehe.

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh