Ainm ùr agus sanasachd
Dh'atharraich mi ainm a' bhluig seo an diugh. Nuair a sgrìobh mi "faclan gliocais" sa' Ghiblean, chan e ach fealla-dhà a bh'ann. Aig an àm ud bha tiotal a dhìth orm 's thàinig "faclan gliocais" gu m'inntinn. Bha fios agam gu dearbh nach bi faclan gliocais ann idir an seo! Mar sin, bidh am blog seo a' dol leis an ainm "Facal no dhà bho Chadalach" a-nis. 'S e tiotal nas fheàrr a th'ann, nach e?
Co-dhiù, tha beagan deasbaid ann mu dheidhinn sanasachd airson saoghalan nam blogaichean ceilteach. Thoiribh ur beachdan (sa' Ghàidhlig no sa' Bheurla no sa' chainnt eile) an seo.
Beachdan...
och, chòrd an t-ainm "faclan gliocais" rium ;-)
Uill... dé mu dheidhinn "Facal gliocais no dhà bho Ch" ma tha?! Ma dh'fhaoidte gun atharraich mi air ais e...
‘Gliocas’ ann no às tha do bhlog a fhathast a’ còrdadh rium gu mòr!
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh