Àm na Nollaig
- Àm na Nollaig
Tha Crìosd beò a rithist
ann a Woolworths.
"A bheil rùm anns an taigh-òsda?"
Chan eil gu dearbh --
tha iad a' dèanamh Bed and Breakfast.
Chan eil fhios aig an aiseal
air Crìosd no air Crìosdachd --
tha a cheann anns a' phrais.
Sgrìobh Hèrod òrdugh
ann an rùm dubh-dhorch --
"cuiribh ás do na rionnagan."
Bha sùilean an leinibh
a' coimhead a mhàthar
le iongnadh.
Na cìobairean air a' bheinn
cìobairean Leódhais --
eildearan na h-ath-linne.
Chuir Moire an saoghal
gu ciùin air a h-uchd --
nach E a bha meata.
Dh'fhosgail an Diabhal
cairt na Nollaig --
A Nèamh fhéin!
Dannsairean, dannsairean,
na rionnagan air an talamh
a' leum 's a' leum.
Anns an dealbh
Moire 's a Mac --
le Da Vinci no Rubens.
"'S e an leanabh mo nàmhaid,"
arsa Hèrod gu mall --
"tha an leanabh neo-thuigseach."
"Nuair nach còrd sgialachd ri leanabh,"
arsa Hèrod gu mall,
"innsidh e dhut e."
"Nuair a dh'fhàsas E suas,"
arsa Moire le pian,
"fàgaidh e mi."
"Nuair a dh'fhàsas E suas,"
arsa Moire le pian,
"Théid e dhachaigh."
Sheas na h-ainglean aig an dorus.
Leis an t-solus a thug E dhaibh
thug iad bho mhàthair E.
Uill, 's e Aidmheint a th'innte an dràsda 's mar sin bha mi a' smaoineachadh gum biodh dàn eile le Iain Mac a' Ghobhainn a' còrdadh ribh. Saoilidh mi gur e dàn neònach a th'ann, ach chòrd an t-ochdamh rann rium gu mór -- Dòmhnall Dubh le cairt na Nollaig... hehehe :-)
Beachdan...
is toigh leam an dàn sin gu mòr!
tapadh leat airson a chuir ann.
mona
Seadh Mhona, tha mi ag aontachadh riut.
Saoilidh mi gum bi thu fhathast uabhasach trang a Chadalaich ach tha bhi e fada gus am bi thu faighinn beagan fois agus pinnt?
Bhiodh beagan fois glé mhath gu dearbh, ach saoilidh mi gum bi cothrom ann airson pinnt no dhà Dihaoine... :-)
ò, tha Nollaig ann a h-uile h-àite...
's fheàrr leam Gluehwein a-nis :)
Prost.
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh