Sanasachd airson TnamB
Seo sgeulachd bheag dhuibh. Nuair a chuir sinn TnamB air bhog san Dùbhlachd an uiridh, chuir Graisg 's mi fios gu móran dhaoine mu a deidhinn. Chuir sinn post-d gu Comunn na Gàidhlig, Sabhal Mór, sgioba Gaelcast 's msaa. Thuirt a' mhórchuid gur e deagh smaoin a bh'ann 's bhiodh iad deònach beagan taic a thoirt dhuinn leis an t-sanasachd (Móran taing!). Bha mise glé shona 's bha e coltach gun robh daoine eile sona cuideachd.
Bha a h-uile rud a' dol gu math ach an uair sin fhuair mi freagairt bhon mhaighstir-lìn aig SG. Bha mi air sgrìobhadh thuige le earrann bheag sa' Ghàidhlig 's bha mi an dòchas gun cuireadh e air an làraich SG i -- anns an roinn de naidheachd air an duilleig dhachaigh. Bha mi an dòchas gun cuireadh e ceangal gu TnamB ann cuideachd. Gu dearbh tha SG ann airson "àrdachadh na Gàidhlig", nach eil? Fhuair mi an fhreagairt seo (sa' Bheurla)... "Tha sinn a' cruinneachadh blogaichean cuideachd, ach tha sinn airson daoine a bhith nam buill nam fora mus cuir sinn na blogaichean aca air an liosta".
Liosta?
Uill, tha mi an dòchas gum bi sibhse ag aontachadh leam, ach nam bheachdsa chan e ach liost' a rinn Aran 's mise! Nuair a leugh mi an fhreagairt bhuaithe bha an fhearg orm, ach cha tuirt mi dad gu ruige seo. Cha robh mi ag iarraidh sabaid no argumaid ('s chan eil mi gan iarraidh a-nis) ach cha do thuig mi a fhreagairt idir. "Àrdachadh na Gàidhlig"? Gu cinnteach tha daoine ann air na fora aig SG a bhios ag àrdachadh na Gàidhlig gach latha ach a-nis chan urrainn dhomh ràdh le cinnt gu bheil esan nar measg. Chì sinn dé tha dol san àm ri teachd, ach cha bhith mise a' ceannach léintean-T no sgudal eile bhuaithe.
Anns an dol seachad, tha TnamB a' faighinn mu 100 "hits" gach lath an dràsda. :-) Dé mu dheidhinn bathair airson TnamB? A bheil ùidh aig duine sam bith?
Beachdan...
Tha 100 hits gach latha dìreach mìorbhaileach! Tha beachd agam mu dheidhinn dè thuirt thu a thaobh Savegaelic.org ach mus toisich mi a-mach air sin feumaidh mi ag ràdh gum bu choir na blogaichean ‘Air chall’ agus ‘Suas leis a’ Ghaidhlig’ a bhith ann a TnamB cuideachd! Tha deagh sgriobhaidh ri fhaighinn air an dà chuid dhith.
Uill co-dhiù, tha mise den bheachd seachad air a’ bhòrd bhrath aig Micheal Klevenhaus chan eil fòram cho feumail dhan Ghàidhlig air loidhne den chruth ud idir agus s mar sin tha mi deònach a bhith nam bhall den fhòram. Chan eil deamocrasaidh a th’ ann tha fhios agam tha am facal mu dheireadh aig Admin ach chan eil sin ri ràdh nach eil iomairtean a’ tighinn bhon bhallrachd.
Tha na fòrams math airson Gàidhlig gun teagamh sam bith agus tha mi an dòchas gum mhaireas iad air loidhne airson luchd-ionnsachaidh no nochdas a leithid ann an àite no choireigin eile. Tha feum air àrainneachd eadar-nàiseanta fosgailte 24/7 far am bi a h-uile neach-ionnsachaidh comasach a bhith faighinn taic bho fheadhainn eile: sin mar a tha an saoghal againn a-nis – 24/7 agus freagairt sa bhad. Sin mar a tha Tìr nam Blòg.com agus tha mi uabhasach fhèin toilichte fhaicinn.
Carson nach bu choir bathar a bhith ann. Bidh fhios agad gun d’ rinn mi fhèin bùth an uiridh airson beagan spors. Cha do reic mi ach aon leinne-t gu ruige seo agus sin dhomh-fhèin ge-tà! The e furasta gu dearbh rudeigin a dhèanamh air caféxpreess.com ach bi beurla ga nochdadh air na duilleagan.
Seadh, bu mhath leam na teachdaireachdan bho na blogaichean sin fhaicinn air TnamB cuideachd, ach cha do sgrìobh iad thugam fhathast. Cha chuiridh mi stuth air TnamB gun aontachadh bho na h-ùghdaran. Tha mi an dòchas gun leugh iad seo 's gun cuir iad fios thugam a dh'aithghearr. :-)
A-nis, mu chuspair eile -- mar a tha fios agad, tha mi toilichte a bhith nam bhall nam fòra cuideachd. Bidh mi ann gach latha airson taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh eile 's a bhith ag ionnsachadh bhuapa. Ach 's e seo an adhbhar a bha an fhearg ormsa. Bidh mi a' toirt taic do SG gach latha, ach nuair a bha mi ag iarraidh beagan taic airson àrdachadh na Gàidhlig (chan eil airson mi-fhìn) cha d'fhuair mi càil. Chan eil mi ga thuigsinn idir.
Ach co-dhiù, chì mi air SG thu, mar as àbhaisteach...
Chan eil mise a' tuigsinn carson nach do chuir e dad air an làrach SG nas motha.
Agus...
bu chòir 'Latha ann an LA' a bhith air TnamB cuideachd :-)
Tha e ann!
is anmoch a rinn thu dùsgadh gu dearbh, a chadalaich chòir ;-) o chionn fhada, bha mi an dòchas gum bitheadh làrach-lìn mar "savegaelic" feumail dhan chànan agus dhan choimhearsnachd eadar-nàiseanta gu dearbh, ach thilg iad a-mach mi oir cha bu toigh leis daoine às a' ghearmailt le gàidhlig nas fheàrr na aig na mìltean aimeirigeanach a tha a cabadaich mu na sinnsearan aca an-sin... :-P tha mi coma, agus cha bhi mi ach a' toirt sùil air an làrach ud bho àm gu àm agus a' faicinn cuid a tha ag obair glè mhath airson a' ghàidhlig, a' toirt brosnachadh agus cuideachadh do na daoine, agus mòran nach eil a' dèanamh mòran feum dheth idir. agus fad 's a tha fios agam, chan eil gàidhlig aig "maighstir" an làrach-lìn idir, 's e sin duine air choireigin ann an astrailia, le sinnsearan albannach gun teagamh...
tha fios agam, tha mi beagan mi-mhodhail an-diugh, ach... (coma leam) - chan eil mòran gàidhlig (no gàidhlig ceart) ri fhaighinn ann an cuid de na blogaichean anns an liosta aig "savegaelic", agus cha bhi iad-san ann an tìr nam blog co-dhiù, oir chan eil gàidhlig gu leòr aca airson an làrach-lìn a leughadh :-P
a bheil fhios agad gun robh riaghail aca aig "savegaelic" nach robh e ceadaichte do na daoine gàidhlig a chleachdadh ach ann an aon roinn de na fora a-mhàin, air eagal gum bitheadh na h-aimeirigeanaich bochd troimhe-chèile leis a' chànan neònach seo a' nochdadh ann an sgrìobhadh an-siud 's an-seo? is coltach gu bheil sin air atharrachadh, ach chan eil e a' cur iongnadh orm idir na sgrìobh thusa...
mona
Tha, agus tha mi den bheachd gur e riaghailt ghòrach a bh'innte. Ma tha an làrach ann airson Gàidhlig, carson nach sgrìobh sa' Ghàidhlig? Cha do thuig mi riamh an riaghailt sin.
Bha fios agam cuideachd nach eil Gàidhlig aig a' mhaighstir-lìn, uill, chan eil móran aige co-dhiù. 'S dòcha gur e sin an adhbhar nach do chuir e an earrann agam air an làraich -- cha b'urrainn dha a tuigsinn...
Tha mi toilichte gun do dh'fhàg mi SG agus cha till mi a chaoidh tuilleadh ged a tha e air fàs mòran nas fhearr "fo" Graisg, Cadalach agus Camha. Tha mi toilichte gu bheil blogaichean le deagh Ghàidhlig ri leughadh an-seo air Tìr nam Blog agus chan fheum sinn blogaichean gun Ghàidhlig no le cus droch Ghàidhlig (chan eil mi ag radh nach eil mearachdan anns an sgudal agam-sa
@Graisg: Chan eil thu a' ciallachadh am blog "air chall" agam-sa, e bheil? Tha sin 'sa Ghearmailtis. cha bhi sin gu mòran feum an-seo.
Tha mi toilichte a bhith an-seo aig Tìr nam Blog ged nach eil mi a' sgrìobhadh mòran na làithean seo.
Tha fear eile ri fhaighinn Shlèite
Air chall
Turas math dhut Shlèite agus gur math a thèid leat a bhos an seo
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh