Fàilte gu TìrnamBlòg!

Uill, chunnaic mi rudeigin ùr an diugh air an eadar-lìon a tha, nam bheachdsa, air leth sgoinneil. 'S e àite-coinneimh de saoghal nam blogaichean a th'ann -- seòrsa de phaipear-naidheachd no iris a bhios a' cur na h-uile blog ann an aon àite! Carson nach téid sibh gu TìrnamBlòg nuair a bhios mionaid no dhà agaibh? Tha mi cinnteach gum bi e inntinneach dhuibh a-nis agus san àm ri teachd nuair a tha e air fàs nas motha. Aonaichibh leinn! :-)

Beachdan...

Aig 17/12/05 11:25, thuirt Blogger Graisg...

Tha mise an cheana air mo bheò ghlacadh ann an Tìr nam Blòg! Abair pròiseact a th’ ann. Saoilidh mi cò tha os a chionn? A bheil fhios aig duine sam bith?

 
Aig 19/12/05 13:25, thuirt Blogger Mac an t-Sronaich...

Nach e làrach-lin mhath a th'ann. Ach abair ainm. Tha e fior mhath.

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh