Eachdraidh TìrnamBlòg

Seo beagan eachdraidh an làraiche TìrnamBlòg...

Anns an t-Samhain 2005, chuir duine às a' Chuimrigh -- Rhys Wynne (Gwenu dan Fysiau) -- teachdaireachd air a' bhlog seo. Thuirt e gum bu chòir dhomh làrach ùr a thòiseachadh. Làrach a bhiodh mar chridhe saoghal nam blogaichean. Smaoinich mi gun robh e ceart -- tha saoghal nam blogaichean gu math eadar-nàiseanta agus bha mi air chluinntinn gun robh e doirbh do dhaoine a bhith a' tadhal air gach blog.

Thuirt Rhys cuideachd gum bu chòir dhomh sgrìobhadh gu Aran Jones (Blogiadur) air sgàth 's gun robh e air làraich airson nam blogaichean Cuimris a thogail. Sgrìobh mi gu Aran 's thuirt e "Seadh, deagh smaoin gu dearbh. Rinn mi Blogiadur, am faca tu e? Am faod mi cuideachadh leis an làraich ùir?" (Uill, thuirt e rudeigin mar sin, chan e Gàidhlig ach Cuimris a th'aige.) Bhruidhinn sinn ri chéile mu dheidhinn a' phròiseict seo agus, an déidh seachdaine no dhà, thog Aran tùs-samhail air ar son. Chuir mi Gàidhlig air agus dh'atharraich mi mion-chùnntas an siud 's an seo, ach rinn Aran a' mhòrchuid den obair. Abair duine! Bu mhath leamsa mo thaing a thoirt do Aran, às a aonais cha bhiodh an làrach ud beò an diugh agus tha sinn uile fada na chomain.

Tha mi an dòchas gum bi TìrnamBlòg a' còrdadh riut, agus gum bi sinn a' toirt brosnachadh do dhaoine eile a bhith a' blogachadh sa' Ghàidhlig a dh'aithghearr. Ma tha Gàidhlig agad agus rudeigin ri ràdh, carson nach tòisich blog Gàidhlig agus aonaich leinn?

Ma bhios sinn fortanach, bidh Tìr nam Blòg a' fàs gu luath ann an 2006 agus bidh an làrach ud ann mar àite-coinneimh cuideachd.

Chaidh TìrnamBlòg a bhunaich air an 17mh latha den Dùbhlachd 2005 agus tha mi an dòchas gum bi e ann airson móran bliadhnaichean ri tighinn.

Beachdan...

Aig 30/12/05 07:18, thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Abair deagh bheachd-smuain a bh`ann! Tha e fada nas fhasa a bhith cumail sùil air a h-uile bloga a-niste.

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh