Blog ùr bho Inbhir Narann
Fhuair mi post-d aig Tìr nam Blòg HQ a-nochd bho bhlogair eile ann an Inbhir Narann. Abair àite! Co-dhiù, carson nach téid sibh gu http://fuaim-lorg.blogspot.com/ agus cuir fàilte oirre? :-)
Nuair nach eil mi nam chadal, bidh mi a' sgrìobhadh an seo bho àm gu àm...
Fhuair mi post-d aig Tìr nam Blòg HQ a-nochd bho bhlogair eile ann an Inbhir Narann. Abair àite! Co-dhiù, carson nach téid sibh gu http://fuaim-lorg.blogspot.com/ agus cuir fàilte oirre? :-)
Beachdan...
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ dhèanamh soidhne rathaid dà chànanach agus cuiridh iad aig iomall a’ bhaile e.
Fàilte gu Inbhir Narann:
Prìomh bhaile nam blogaichean Gàidhlig,
Welcome to Nairn, City of the Gàidhlig blog.
Hehe, bidh sin gu math éibhinn. Am bi sibh a' faighinn airgead bho Roinn-Eorpa airson blogachadh?
Bhiodh sin nas fheàrr na bhith a’ reic làraichean-lin Gàidhlig loma-làn Beurla gun fhòram aig $6,000 an urra. Deagh smaoin ‘ille, cha bhi e fada gus am bi na blogairean Inbhir Narann cho beartach ri Richard Branson, tapadh leat gu dearbh, càit a bheil am foirm-iarrtais?
Carson nach sgrìobh litir 's cuir i gu Neil Kinnock? Ma sgrìobhas tu "'S toigh leinn kilometres ann an Inbhir Narann" cuideachd, bidh airgead gu leòr a' tighinn cho luath 's a ghabhas! :-)
S’ fheàrr leamsa an t-seann airgead gu mi-fhortanach, theab nach cuir iad an sàs thu ma dh’ fheuchas tu ri càil sam bith ìmpireil a cheannaich sna làithean seo. Tha mi duilich mgr Kinnock bidh mise nam reubalach ‘casan agus òirlich’ gu bràth siorraidh.
Que sera, sera,
Slatan agus mìltean gu bràth, gu bràth
Que sera, sera
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh