Boireannach craicte

Uair no dhà air ais fhuair mi teacsa (text message, mar a chanas iad) bho bhoireannach craicte. Thuirt i, Hai, tha mi duilich nach do chuir mi freagairt thugad gu ruige seo, ach tha am fòn agam briste 's mar sin tha mi aig an àireamh seo an dràsda! Ciamar a tha sibh uile? Bha mi a' bruidhinn ri Gary an dràsda 's thuirt e gum bu chòir dhuinn tighinn air chéilidh oirbh! Dé mu dheidhinn oidhche h-Aoine? Tìoraidh, Lynsey.

Nis, chan aithne dhomh i, ach smaoinich mi gum bu chòir dhomh a bhith cuideachail, 's mar sin chuir mi freagairt thuice. Thuirt mi, Saoilidh mi gun do chuir thu an àireamh cheàrr san fhòn agad, chan eil mi eòlach air Lynsey sam bith. Tha mi duilich.

Mu leth-uair an déidh sin, fhuair mi teachdaireachd eile bhuaipe... Thuirt i, Thà thusa eòlach orm! Ciamar a tha Lenord (sic) beag?

Uill, chan eil càil a dh'fhios agam dé bu chòir dhomh dèanamh a-nis! 'S dòcha nach dèan mi dad sam bith eile, ach tha eagal orm gum bi am boireannach craicte seo agus "Gary" a' feitheamh rium aig an taigh agam Dihaoine...

Beachdan...

Aig 27/2/06 13:40, thuirt Blogger Cam...

Nam bheachdsa, feumaidh tu an taigh a ghlanadh is ceic a cheannach. ;-)

Cam

 
Aig 27/2/06 23:16, thuirt Blogger Graisg...

An robh i ceangailte le squashgaelic.org ann an dòigh air choireigin?

 
Aig 3/3/06 14:12, thuirt Blogger Cadalach...

Uill, 's e Dihaoine a th'ann agus cha chuala mi dad sam bith eile bhon bhoireannach chraict' ud. Ach tha an t-eagal fhathast orm -- am bi ise ann nas anmoiche? Cheannaich mi céic :-) ach 's e fìor bhùrach a th'agam anns an taigh an dràsda :-(

Tha mi a' dol a Mhanchester a dh'aithghearr... tha mi an dòchas gum bi an taigh fhathast ann nuair a thilleas mi a-nochd! Cuiridh mi fios thugaibh :-)

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh