Co-là-breith sona!
Tha am blog seo aon bhliadhna a dh'aois an diugh :-)
Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil mi air a bhith a' blogachadh sa' Ghàidhlig fad bliadhna ach 's e deagh spòrs a bh'ann. Tha mi cinnteach gum bi spòrs gu leòr ann san àm ri teachd cuideachd 's tha mi an dòchas gum bi mi fhathast a' sgrìobhadh an seo sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Tuilleadh a' tighinn a dh'aithghearr... :-)
Beachdan...
meal do naidheachd! 's e blog snog agus inntinneach a th' agad, agus chuir thu mòran obair ann agus chuir thu deagh chomhairle do blogairean eile cuideachd (leis na scripts agus a h-uile rud) :-)
cùm ort, is toigh leam leughadh bhuat!
mona
Sin thu fhèin, agus thuirt fear dhomh o chionn fhada,
'Cha bhi dad math a riamh a' tighinn a-mach o Mhancuin' :-)
Cùm ort 'ille!
Co-là breith sona do Thìr nam Blòg. Caite a bheil a' chèic?
Tapadh leibh :-)
"Cha bhi dad sam bith a' tighinn..." Chan e ach sgudal a th'anns a' bheachd seo! As any fule kno, 's e deagh àite a th'ann am Mancuin (Manchester). Uill, 's toigh leam fuireach an seo co-dhiù.
Agus, a Ru-ra, gabhaidh mi pìos céic' am feasgar seo gu dearbh, ach saoilidh mi nach bi coinnlean oirre... :-(
bedava porno
Thoiribh ur beachdan dhomh!
<< Dhachaigh