Ball-coise

An toigh leibh ball-coise? Chan eil mi cho déidheil air -- 's fheàrr leam criogaid -- ach tha Cupa na Cruinne air fàire 's bidh a h-uile duine a' bruidhinn air a dh'aithghearr.

Co-dhiù, fhuair mi post-d bho charaid an diugh. Thuirt e "Tha fhios a'm nach toigh leat ball-coise, ach 's toigh leat StickCricket, mar sin, 's dòcha gum bidh seo a' còrdadh riut cuideachd". Uill, chluich mi geama no dà fhichead agus chan eil e dona idir :-) Ach dhomhsa, tha e gu math doirbh -- chan eil mi air barrachd air fichead puing 's a h-ochd a chur ri chéile fhathast. Feuchaidh mi a-rithist nas anmoiche...