Botal-teth no botal-fuar?


Bha mi a' bruidhinn ri banacaraid, Iona, air an fhòn a-raoir agus bha mi a' gearain air sgàth 's gu bheil an aimsir fada ro theth dhomhsa an dràsda. Dh'aontaich i leam agus an uairsin dh'innis i sgeulachd dhomh. O chionn greis bha Iona anns an ospadal agus fhad 's a bha i a' feitheamh ris an dotair chuala i cailleach a' bruidhinn ri nurs. Seo an còmhradh a bha ann eadar an dithis aca, mar a dh'innis Iona e dhomh.

"Och, tha i fada ro theth air an oidhche an dràsda, chan urrainn dhomh cadail gu furasda," ars a' chailleach. "'S bochd sin," fhreagair an nurs, "a bheil botail-fhuar' agaibh?"

"Botal-fuar?"

"Seadh, botal-fuar!"

"Tha fhios a'm dè th'ann am botal-teth, ach dè th'ann am botal-fuar?" dh'fhaighnich a' chailleach.

"Uill," ars an nurs, "faighibh dà no trì botail phlastaig -- bhiodh botail-bhainne, dà liotair, math -- agus anns a' mhadainn, lìonaibh iad le uisge, mu 1.5 liotair, agus cuiribh iad san reòdhadair. Nis, nuair a thèid sibh dhan leabaidh, cuiribh aon air gach taobh dhiubh agus am fear eile faisg air ur casan. Bidh sibh nur cadal mar leanabh a-rithist!"

Abair deagh smaoin!

Beachdan...

Aig 27/7/06 20:37, thuirt Blogger mona...

Gun teagamh! Feuchaidh mi sin dìreach a-nochd, tha mi a' smaoineachadh :-)

 
Aig 28/7/06 00:31, thuirt Blogger Cadalach...

Glè mhath. Innis dhuinn ma bha na botail-fhuara feumail dhut -- cadal math, a Mhona! :-)

 
Aig 26/10/21 01:30, thuirt Blogger masabtech...

I really love your work it’s very beneficial to many people’s. Your blog approach helps many people like myself. Its content is very easy to understand and helps a lot,
Do visit my site for new and Updated software :u!
Viber Crack
Mullvad VPN Crack
ProtonVPN Download
Rhinoceros Crack
CorelCAD Crack
Microsoft Office 2007 Crack
Excel to vCard Converter Crack
Lucky Patcher Crack
WebStorm Crack
V-Ray SketchUp Crack

 
Aig 3/11/21 23:19, thuirt Blogger Christine Walter...

Thanks for sharing such an amazing content. Really loved to read such content. Keep posting such content in future as well.
NTLite Crack
LinkAssistant Crack
DVDFab Crack
CyberGhost VPN Crack
VueScan Crack
PHPMaker Crack
PS4 Remote Play Crack
PDF24 Creator Full Crack

 
Aig 21/1/22 17:15, thuirt Blogger Maira35671...

PC Software Download
You make it look very easy with your presentation, but I think this is important to Be something that I think I would never understand
It seems very complex and extremely broad to me. I look forward to your next post,
ZookaWare Pro Crack
Stellarium Crack
Sonic Mania Crack
Puzzle Wonderland Game Crack
Fruit Puzzle Wonderland Crack

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh