@ Taibhse...

Tha sinn ann aig an làraich seo a-nis. Tha mi an dòchas gum faic sinn a dh'aithghearr thu. :-)

Dh'fhàg mi SG...

Feasgar math a h-uile duine. 'S dòcha gu bheil fios agaibh mar thà gun do dh'fhàg mi an làrach SG (SaveGaelic.org) an diugh. Leugh mi sa' mhadainn an diugh gun robh e ri reic 's cha toigh leam an rathad a tha e a' gabhail na làithean seo nas motha. Thug mi taic 's cuideachadh do luchd-ionnsachaidh eile fhad 's a bha mi nam bhall oir tha mi den bheachd gu bheil e cho cudthromach a bhith ag àrdachadh na Gàidhlig. Ach a-nis tha mi cinnteach nach eil an t-amadan ud airson an aon rud. Tha esan ann airson airgid a-mhàin 's mar sin dh'fhàg mi.

Mar sin, am feasgar seo, bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn làraich ùire. Bòrd-brath ùr. Chan eil mi cinnteach ma tha mi ag iarraidh rudeigin mar SG a-rithist. Bha cus ann sa' Bheurla agus cha bhiodh móran dhaoine a' tighinn gu SG ach turas no dhà 's an déidh sin rachadh iad air falbh... Ach am faca sibh maes-e.com? 'S e bòrd-brath a th'ann ach tha a h-uile rud sa' Chuimris. Dé mu dheidhinn a leithid, ach sa' Ghàidhlig? Aon-chànanach -- Tìr na Cabadaich? Nì mi e, ma tha ùidh agaibh -- dé ur beachdan? Am biodh e feumail? Chan eil dad sam bith ann mar sin an dràsda.

Tha blogachadh math gu dearbh, ach saoilidh mi gu bheil bùird-brath 's blogaichean gu math diofaraichte, bho àm gu àm bhiodh e feumail nam b'urrainn dhuinn cuideachadh fhaiginn bho chàch a chéile ann an Tìr nam Blòg...

Mar a thuirt mi, dé ur beachdan?

A bheil Spàinnis agaibh?

Uill, mura bheil Spàinnis agaibh mar thà, carson nach téid sibh gu SG gun dàil? Nuair a bha mi ann o chionn mionaid no dhà, chunnaic mi sanasachd ùr airson ionnsachadh na Spàinnis! Tha mi cinnteach gu bheil a' mhuinntir aig an sgoil "don Quijote" math, ach tha rudeigin ann nach urrainn dhomhsa tuigsinn -- dé mu dheidhinn na Gàidhlig? Carson a tha sanasachd ann airson don Quijote, ach chan eil dad sam bith ann airson an t-Sabhail Mhóir no àiteachan eile far a bheil iad a' teasgasg na Gàidhlig? SG -- beò airson àrdachadh na Spàinnis...?

Blog ùr!

Chunnaic mi blog ùr an dràsda 's tha Còmhradh air mar ainm. Saoilidh mi gum bi e inntinneach dhuibh uile. Fàilte gu Tìr nam Blòg! :-)

Sanasachd airson TnamB

Seo sgeulachd bheag dhuibh. Nuair a chuir sinn TnamB air bhog san Dùbhlachd an uiridh, chuir Graisg 's mi fios gu móran dhaoine mu a deidhinn. Chuir sinn post-d gu Comunn na Gàidhlig, Sabhal Mór, sgioba Gaelcast 's msaa. Thuirt a' mhórchuid gur e deagh smaoin a bh'ann 's bhiodh iad deònach beagan taic a thoirt dhuinn leis an t-sanasachd (Móran taing!). Bha mise glé shona 's bha e coltach gun robh daoine eile sona cuideachd.

Bha a h-uile rud a' dol gu math ach an uair sin fhuair mi freagairt bhon mhaighstir-lìn aig SG. Bha mi air sgrìobhadh thuige le earrann bheag sa' Ghàidhlig 's bha mi an dòchas gun cuireadh e air an làraich SG i -- anns an roinn de naidheachd air an duilleig dhachaigh. Bha mi an dòchas gun cuireadh e ceangal gu TnamB ann cuideachd. Gu dearbh tha SG ann airson "àrdachadh na Gàidhlig", nach eil? Fhuair mi an fhreagairt seo (sa' Bheurla)... "Tha sinn a' cruinneachadh blogaichean cuideachd, ach tha sinn airson daoine a bhith nam buill nam fora mus cuir sinn na blogaichean aca air an liosta".

Liosta?

Uill, tha mi an dòchas gum bi sibhse ag aontachadh leam, ach nam bheachdsa chan e ach liost' a rinn Aran 's mise! Nuair a leugh mi an fhreagairt bhuaithe bha an fhearg orm, ach cha tuirt mi dad gu ruige seo. Cha robh mi ag iarraidh sabaid no argumaid ('s chan eil mi gan iarraidh a-nis) ach cha do thuig mi a fhreagairt idir. "Àrdachadh na Gàidhlig"? Gu cinnteach tha daoine ann air na fora aig SG a bhios ag àrdachadh na Gàidhlig gach latha ach a-nis chan urrainn dhomh ràdh le cinnt gu bheil esan nar measg. Chì sinn dé tha dol san àm ri teachd, ach cha bhith mise a' ceannach léintean-T no sgudal eile bhuaithe.

Anns an dol seachad, tha TnamB a' faighinn mu 100 "hits" gach lath an dràsda. :-) Dé mu dheidhinn bathair airson TnamB? A bheil ùidh aig duine sam bith?

Faclan gliocais...

Fhuair mi post-d an diugh bho charaid, Ed, a tha a' fuireach ann an Oxford na làithean seo. 'S ann às a' Chuimrigh a tha e, ach mu shia bliadhnaichean air ais bha sinn a' fuireach le chéile ann am Manchester.

Co-dhiù, thuirt e dhomh gun robh e aig pàirtidh Oidhche Challainn (ris an deoch gu ceithir uairean sa' mhadainn) agus nuair a bha e ann, bha iad a' cluich Pictionary. Chluich mi fhìn Pictionary bliadhna no dhà air ais ach cha robh mi math air idir. Bha agam ri "Texas" a dhèanamh, 's mar sin, peann nam làimh, dhealbhaich mi an iomall 's chuir mi rionnag ann cuideachd. ('S e an "One Star State" a th'ann, nach e?) Uill, bu chòir dhomh ràdh gun robh mi air pinnt no ceithir a ghabhail ach cha robh an dealbh uabhasach dona. Dé thuirt na daoine san sgiob' agam? Cha tuirt iad dad sam bith. Uill, thuirt iad "eh?" no "gun fheum!" no "dé tha thu a' dèanamh?" no rudan eile mar sin ach 's e cùis chaillte a bh'innte...

A-nis, nuair a bha Ed a' cluich Pictionary, tha e coltach nach robh esan math air na bu mhotha. Ach thuirt e na faclan glice seo dhomh an diugh -- nuair a bhios thu a' cluich Pictionary san àm ri teachd, bi faiceallach leis na cairtean a bhios tu a' taghadh. Eadhon ma bhios na dealbhan a bhios tu a' dealbhachadh uabhasach fhéin math, ma thaghas tu a' chairt cheàrr cha bhi an sgiob' agad feumail dhut idir -- cha chan iad dad. Dé na cairtean a bha esan air taghadh? "Yam" agus "Lazy susan". Feumaidh mi ràdh gu bheil mi ag aontachadh leis.

Bliadhna mhath ùr!

Tha mi an dòchas gum bi spòrs gu leòr agaibh uile ann an 2006 :-)