Litrichean Ruairidh

Leugh mi ceithir den Litrichean do Luchd-Ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain bhon BhBC a-raoir 's bha iad a' còrdadh rium gu mór -- gu h-àiridh an litir mu dheidhinn a' phoca-salainn. Chlò-bhuail mi a' chiad dheich dhiubh o chionn mìosa (no dhà?) ach cha robh àm agam air an son a leughadh. Bu chòir dhomh a bhith air eadhon aon a leughadh, ach cha d'rinn mi.

Uill, ghabh mi iongantas oir bha mi a' smaoineachadh gum biodh iad nas doirbhe na bha iad. Gu dearbh bha am faclair agam ri mo thaobh, ach b'urrainn dhomh móran a leughadh gun e. Saoilidh mi gum bi duilgheadasan orm a dh'aithghearr le litrichean eile, ach bha deagh shunnd orm a-raoir :-)

Mar sin, ma tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig, bu chòir dhut móran nan litrichean seo a leughadh gun dàil -- bithidh mi!

Iomraiteach sa' Chuimrigh

Uill, sgrìobh Rhys thugam a-rithist an dé. Thuirt e gu bheil iad a' bruidhinn ormsa anns a' chruinne-bhlogaichean Chuimreach! Bha Rhys air dà phuist fhaicinn mu dheidhinn na javascript a dh'eadar-theangaich mi bho Chuimris gu Gàidhlig o chionn ghoirid. Chan eil fhios agam fhathast dé tha iad ag ràdh, ach 's urrainn dhut na puist fhaicinn an seo agus an seo. Ma chì mi mo charaid an diugh (aon a tha às a' Chuimrigh), bithidh e ag eadar-theangachadh na puist seo gu Beurla. An uair sin, sgrìobhaidh mi eadar-theangachadh eile an seo...

Cha tuirt mi seo fhathast, ach feumaidh mi cur móran taing gu Sbwriel 's Rhys airson a' chòd sa' Chuimris -- gun sin bhiodh a' Bheurla ann fhathast agus cha bhiodh sin a' còrdadh rium idir! Tapadh leibh a bhalacha! :-)

Latha leisg

Cha d'rinn mi dad sam bith an diugh -- bha e dìreach sgoinneil!

Teas agus tuilleadh javascript

Bha an aimsir ro theth a-rithist an diugh. Bha mi nam chadal fad na maidne agus, nuair a dhùisg mi, cha robh mi sona. Nigh mi, chuir mi m'aodach orm 's dh'fhàg mi an taigh. Obh! Bha i nas teotha a-muigh! Dh'fhosgail mi dorus a' chàir agus obh obh! -- bha e fada nas teotha a-staigh! Thuirt an teas-mheidh 29°C ach bha sin a-muigh -- saoilidh mi gun robh e gu bhith 300°C sa' chàr fhéin. Chuir sìos mi na h-uinneagan 's dhraibh mi chun Manchester gu luath!

Nuair a ràining mi Manchester, chaidh mi dhan oifis agam far nach robh e cho teth. Mar sin dh'obraich mi air pìos eile javascript airson nan làithean 's nam mìosan air a' bhlog san Laidinn agam. Bha an javascript seo fada nas doirbhe na'm còd a tha ann air a' bhlog seo -- bha na Ròmananaich craicte! Sgrìobhadh iad "ante diem V Idus Iulias MMDCCLVIII ab urbe condita" airson an diugh. Chan eil sin ciallach idir! Co-dhiù, ma tha ùidh agad, bidh an javascript ag obair air a' bhlog ud a dh'aithghearr. ('S dòcha a-màireach.)

Bleurgh

Dh'òl mi cus leann a-raoir, mar sin chan eil mi gu math an diugh. Tha mi airson a bhith nam chadal, ach feumaidh mi a dhol do chuirm-chiùil a-nochd. Dh'ith mi droch churry (choiridh?) aig meadhan-latha cuideachd agus chan eil sin gam chuideachadh a bharrachd. Ah uill.

Tha mi a' gabhail cofaidh eile a-nis -- chì sinn ma tha mi a' faireachdainn nas fheàrr an dèidh sin...

An t-sìde an diugh agus Molesworth

Tha an t-uisge ann a-rithist an diugh agus tha mi glé shunndach oir chan eil i cho teth 's a bha i an seachdain seo chaidh. Am feasgar seo tha mi ag òl cofaidh agus a' leughadh Molesworth a-rithist. 'S toigh leam an leabhar gu mór cheers cheers cheers.

Bidh an fharpaischeist ann, mar as àbhaist, aig an taigh-seinnse a nochd ach tha mi a' smaoineachadh nach bi mi ga dèanamh -- tha i ro ràsanach na làithean seo chiz. 'S dòcha gum bi mi a' dol ann airson pinnt no dhà agus airson "barracking" a dhèanamh, ach cha bhi mi a' freagairt nam ceistean.

Criogaid Natwest

Abair criogaid ann an Lunnainn an diugh! Dh'éisd mi rithe air an réidio 's bha i dìreach sgoinneil. (Cha robh mi ag éisdeachd ris a' chonsairt "8 Beò" idir -- tha a' chriogaid fada nas fheàrr, nach eil?)

A-nochd dh'ith mi aig a' Mhongolian Barbeque ann am Manchester. Tha am biadh glé mhath anns an taigh-bìdh sin agus tha mi airson a dhol air ais a dh'aithghearr :-)

Co-dhiù, gabhaidh mi té mhór a-nis, an uair sin théid mi dhan leabaidh agam. Oidhche mhath.

Beagan javascript

Chuir mi beagan javascript air a' bhlog seo an diugh. Tha mi'n dòchas gun urrainn dhuibh na làithean 's na mìosan fhaicinn sa' Ghàidhlig a-nis :-)