Post-d bho Aran / A bheil cù agad?

Fhuair mi post-d bho Aran an diugh agus tha e ag iarraidh beagan cuideachaidh bhuainn. (Às aonais cha bhiodh TnamB beò an diugh.) Dh'innis a bhean dha gum bi iad a' faighinn cù eile a dh'aithghearr agus mar sin bidh iad ag iarraidh ainm air a shon. Bu mhath leotha ainm Gàidhlig ach chan eil iad airson ainm mar Donnchadh no Eilidh no rudeigin mar sin a chur air -- b' fheàrr leotha rudeigin a tha nas traidiseanta airson con. Thug mi moladh no dhà dhaibh ach dè ur beachdan, a chàirdean?

Sgrìobhaibh ur beachdan an seo agus cuiridh mi gu Aran iad. Mòran taing :-)

Beachdan...

Aig 4/4/07 07:05, thuirt Blogger Graisg...

Tha Dìleas fhathast cumanta agus fiù 's ann an Inbhir Narann gheibh thu an t-ainm ud. Tha Sràc air mullach an ainm sin cuideachd:-)

 
Aig 4/4/07 20:55, thuirt Blogger Ru-ra...

Seadh, "Dìleas" ... agus "Caileag" cuideachd.

 
Aig 5/4/07 03:12, thuirt Blogger Helena Gowan...

agus 's fiù dìreach "cuilean". Dè mu dheidhinn "faireil"? Saoilidh mi gum bi faclair buadhair freagarrach. 's dòcha.

Ach, 's e ainm uabhasach brèagha a th' ann an Eilidh, nach e?

 
Aig 6/4/07 07:11, thuirt Blogger Rhys Wynne...

Helo, Rhys here. Just thought you might be interested in some blogging software that can be tranlsated into Gàidhlig. The platform is NireBlog.com, and the strings are awaiting translation here.

Maybe you could blog about it?

I know it's quite easy to ammend Blogger to appear in your language, but with NireBlog, even the back end will appear in Gàidhlig.

(hope you're enjoying listening to Gruff Rhys!)

 
Aig 6/4/07 11:27, thuirt Blogger Graisg...

Deagh smuainn aig Rhys aig leugh mise air an làrach ud.
' if you want to collaborate, you only have to be fluent in Spanish and the language to translate, and experience on blogging.'
Nan robh dòigh sam bith Spaintais a sheachnadh bidh mise deònach pàirt a ghabhail ann an buidheann obrach air loidhne nan robh ùidh aig feadhainn eile.

 
Aig 8/4/07 00:21, thuirt Blogger Helena Gowan...

Nach eil e neònach! Chan eil mi a' creidsinn gum bi e simplaidh a dh' eadhar theangachadh bhon chànan eile don Ghàidhlig. Ach, dè fhios agam.

Co-dhiù, a Chadalaich, tha coin agam agus 's e Ginger, Lady, agus Cody a th' orra, so... cleachd dìreach nireblog agus voilà! :D

 
Aig 11/4/07 18:51, thuirt Blogger Cadalach...

Mòran taing a h-uile duine :-)

Nuair a chuir Aran a' cheist orm, 's e "Dìleas" a bha nam inntinn cuideachd. A bheil moladh eile aig duine sam bith? Dè mu dheidhinn dìreach "madadh"? Chan e ach cù beag a bhios aca... dè ur beachdan air sin? Co-dhiù, cuiridh na thuirt sibh gu Aran an diugh no a-màireach.

Nis, Eilidh, 's toigh leam fhìn an t-ainm "Eilidh", ach cha dèan i an gnothaich san t-suidheachadh a th' againn an dràsda!

Finally, Rhys, thanks for getting in touch again. I'll certainly have a look at the Nireblog site and see what they have to offer. I don't know why Google haven't started a translation project for Blogger like they did with Gmail and their other services...

Also, while I'm writing, I thought what you had to say recently about writing cheques in Welsh was interesting -- I'd have thought most companies wouldn't have cared that much and just cashed the cheque without paying that much attention to it!

 
Aig 13/6/07 18:03, thuirt Blogger Unknown...

A charaid choir,

Tha mi a sgrìobhadh air leth am film ùr Gàidhlig, Seachd – The Inaccessible Pinnacle, agus mi an dòchas gun fhaod cuideachadh a thoirt dhuinn le a bhi ag innse beagan mu dheidhinn dhan an t-saoghal. Tha blogs gu math cudromach agus cumhachdach san latha an diugh agus bhithinn gu math taingeil ma bha àm agaibh sgrìobhadh mu dheidhinn am film.
Tha an làrach-lìn againn ri fhaighinn aig http://www.seachd.com/index_gaelic.html agus thèid an còd airson ceangal a’ dhèanamh a’ lorg aig http://www.seachd.com/index_links.html
Gheibhear cuideachd brataich Seachd aig http://www.seachd.com/pages/links_banners.html.
Tha fios airson na meadhanan ri lorg aig http://www.seachd.com/index_press_kit.html agus ann an crutha flash aig http://www.seachd.com/index_presskit_flash.html.
Tha sinn cuideachd ri lorg air myspace aig www.myspace.com/seachd agus tha sin an dòchas coimhearsnachd bheag a steidheachadh an sin. Tha sin gu math toilichte gu bheil, mar tha, cha mhòr 6000 caraidean againn.
Chaidh am film a shealltainn aig Feis Filmichean Cannes am bliadhna, far an deach innse gum bi e a-mach ann an taighean-deilbh sam Foghar as dèidh cùmhnant a’ dhèanamh leis a chompanaidh Soda Pictures. ‘S e fìor deagh naidheachd a tha seo airson film beag ann an Gàidhlig na h-Alba a chaidh filmadh anns an t-Eilean Sgitheanach, ach tha an t-uamhas cuideachadh a dhith oirnn fhathast airson innse dhan t-saoghal mu dheidhinn. Leig fios thugam ma tha cail sam bith eile a dhith ort.

Leis gach deagh dhùrachd,

Chris
Chrisn[remove]gillies@gmail.com

 
Aig 1/10/21 19:31, thuirt Blogger masabtech...

I am happy after visited this site. It contains valuable data for the guests. Much thanks to you!
BlueStacks Crack
iExplorer Crack
Mobirise Crack

 
Aig 22/10/21 21:03, thuirt Blogger masabtech...

I really love your work it’s very beneficial to many people’s. Your blog approach helps many people like myself. Its content is very easy to understand and helps a lot,
Do visit my site for new and Updated software :u!
Parallels Desktop Crack
Skype Crack
Sketch Mac Crack
Vivaldi Crack
Visual Studio Code Crack
DxO PhotoLab Crack
vMix Crack
Guitar Pro Crack
CrossOver Mac Crack
Minecraft Crack

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh