Blog ùr eile
Sgrìobh Jessica thugam an-dé -- tha i sa' Ghearmailt 's tha blog Gàidhlig aice! Tha an cruinne-bhlogaichean Gàidhlig a' fàs gach latha agus tha sin a' còrdadh rium gu mór :-)
Post-d gu blogger 3
Sgrìobh mi thuca a-rithist Diciadan sa chaidh ach a-nis tha mi a' smaoineachadh nach eil iad gam éisdeachd. Cha do sgrìobh iad dad sam bith thugam fhathast, mar sin saoilidh mi gum bi sinn gun taic bhuapa. 'S bochd.
Fhuair mi pìos còd ann an javascript bho Rhys sa' Chuimrigh a dh'atharraicheas na làithean 's na mìosan air blog gu Cuimris. Saoilidh mi gun urrainn dhomh e atharrachadh agus mar sin bi iad sa' Ghàidhlig.
Rannsachadh aig MIT
Rinn mi sin an diugh:
Take the MIT Weblog Survey
'S e rannsachadh mu dheidhinn bhlogaichean a th'ann agus tha e gu math inntinneach.
Molesworth
Fhuair mi an leabhar Molesworth le Geoffrey Willans 's Ronald Searle an diugh bho Amazon. Dh'innis Camha dhomh mu a dheidhinn air SG. 'S toigh leam na dealbhan 's mi an dòchas gum bi na faclan math cuideachd... bu chòir dhomh a bhith ag obair an dràsda, ach saolidh mi gun nì mi cofaidh 's leughaidh an leabhar. Tha i ro theth co-dhiù.
Fichead20
Tha an t-uisge ann an diugh, ach tha mi 'n dòchas nach bi e ann a-màireach. 'S toigh leam an t-uisge, ach bidh an t-Sasainn a' cluich criogaid an aghaidh nan Astràilianach aig an Rose Bowl ann an Hampshire. Saoilidh mi gum bi e math agus tha mi 'n dòchas gun urrainn dhomh e a choimhead air an TBh. Chan eil TBh agam ach, ma bhios mi fortanach, théid mi gun taigh A airson tha TBh ('s leann) aice!
Post-d gu Blogger 2
Ma tha ùidh agad, cha chuala mi dad sam bith bhuapa fhathast. Sgrìobhaidh mi a-rithist thuca Diciadan, mura bheil mi air rudeigin bhuapa a chluinntinn.
Blog ùr
Thòisich mi blog eile Diardaoin. Tha an t-ainm "Cogitata sapientia e Somniculoso" air, dìreach mar a tha e air a' bhlog seo! Feumaidh mi dad mu dheidhinn an ainme air a' bhlog seo a sgrìobhadh...
Co-dhiù, bha mi a' bruidhinn ri Mulus agus smaoinich sinn gum bu chòir dhuinn blogaichean a sgrìobhadh sa' Laidinn. Bha sinn ag ionnsachadh Laideann le chéile o chionn 2003 ach am bliadhna cha robh sinn a' dèanamh dad sam bith leatha. Chan eil mi airson i a dhìochuimhneachadh, ach chan eil fhios agam ma bhios àm gu leòr agam airson trì blogaichean a sgrìobhadh... Chì sinn!
Post-d gu Blogger
Sgrìobh mi gu Blogger an-dé agus chuir mi ceist orra mu dheidhinn Gàidhlig air na blogaichean. Thuirt mi gum bi e glé mhath mas urrainn dhuinn na làithean 's na mìosan sa' Ghàidhlig a chur air na blogaichean againn. Chan eil freagairt agam fhathast, ach tha mi 'n dòchas gum bi iad ag aontachadh leam.
Faic an seo cuideachd (sa' Bheurla).
Tha mi air na faclan Beurla fhògradh!
Chan eil rud sam bith anns a' Bheurla idir an seo a-nis -- Ho-rò!
Chan eil mi glé thoilichte leis a' bhogsa "Mu mo dheidhinn". Togaidh mi fear nas fheàrr a dh'aithghearr, ach nì seo an gnothach an dràsda.
Cuir tuilleadh Gàidhlig air na blogaichean!
Rabhadh: Leugh an seo!
O chionn ghoirid bha mi a' bruidhinn ri Graisg a-rithist mu dheidhinn nam blogaichean Gàidhlig. Thuirt mi gum bu chòir dha tuilleadh Gàidhlig a chur air a' bhlog aige!
Co-dhiù, fon phost seo, chì thu "sgrìobhte le..." 's "beachdan" an àite "posted by..." 's "comments" mar a bha e gu tùsail. Dh'innis mi do Ghraisg ciamar as urrainn dha na faclan seo atharrachadh agus a-nis, innisidh mi seo dhut cuideachd :-)
Rabhadh: 'S dòcha nach bi an "template" agad dìreach mar seo, ach, ma tha sinn fortanach, chì thu dé bu chòir dhut dèanamh. Ma nach eil thu cinnteach -- bi faiceallach!
posted by<$BlogItemAuthorNickname$> @ <a href="<$BlogItemPermalinkUrl$>" title="permanent link"><$BlogItemDateTime$>   <BlogItemCommentsEnabled> <a class="comment-link" href="<$BlogItemCommentCreate$>" <$BlogItemCommentFormOnclick$>><$BlogItemCommentCount$> Comments </BlogItemCommentsEnabled> <$BlogItemControl$>
<$BlogItemCommentCount$> Comments:
agus beagan an déidh sin
<dt class="comment-data" id="c<$BlogCommentNumber$>"><a name="c<$BlogCommentNumber$>">
At <a href="#c<$BlogCommentNumber$>" title="comment permalink"><$BlogCommentDateTime$>,
<$BlogCommentAuthor$> said...
(tha iad gu math faisg air a' bhun) agus atharraich na faclan gorm. Cùm na h-atharrachaidhean agus ath-fhoillsich am blog iomlan.
Dèanta!
Cuideachd, ann an "Settings > Formatting" is urrainn dhut na làithean, na mìosan 's mar sin air adhart atharrachadh gu àireamhan, ma thogras tu.
Tha fios agam mu dheidhinn ruid eile no dhà as urrainn dhut a dhèanamh, ach saoilidh mi gum bi seo gu leòr leat an diugh. 'S dòcha gum bi mi a' sgrìobhadh tuilleadh a-màireach no a dh'aithghearr.
Tha mi 'n dòchas gur urrainn dhut a thuigsinn dé tha mi ag ràdh agus gun robh seo feumail dhut.