Litrichean Ruairidh
Leugh mi ceithir den Litrichean do Luchd-Ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain bhon BhBC a-raoir 's bha iad a' còrdadh rium gu mór -- gu h-àiridh an litir mu dheidhinn a' phoca-salainn. Chlò-bhuail mi a' chiad dheich dhiubh o chionn mìosa (no dhà?) ach cha robh àm agam air an son a leughadh. Bu chòir dhomh a bhith air eadhon aon a leughadh, ach cha d'rinn mi.
Uill, ghabh mi iongantas oir bha mi a' smaoineachadh gum biodh iad nas doirbhe na bha iad. Gu dearbh bha am faclair agam ri mo thaobh, ach b'urrainn dhomh móran a leughadh gun e. Saoilidh mi gum bi duilgheadasan orm a dh'aithghearr le litrichean eile, ach bha deagh shunnd orm a-raoir :-)
Mar sin, ma tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig, bu chòir dhut móran nan litrichean seo a leughadh gun dàil -- bithidh mi!